Agus bidh e na ionad naomh; ach na chloich-thuislidh, agus na charraig-oilbheim do dhà thaigh Israeil, na lìon agus na ribe do luchd-àiteachaidh Ierusaleim.
Agus chuir fir Ghibeoin fios gu Iosua, don champ gu Gilgal, ag ràdh, Na dèanadh do làmh moille od sheirbhisich: thig a‑nìos dar n‑ionnsaigh gu grad, agus saor sinn, agus cuidich leinn: oir tha rìghrean nan Amorach uile a tha nan còmhnaidh anns na beanntan air cruinneachadh ri chèile nar n‑aghaidh.
Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal, agus na bi fo gheilt; gabh an sluagh-cogaidh uile maille riut, agus èirich, imich suas gu Ai: feuch, thug mi thairis dod làimh rìgh Ai, agus a shluagh, agus a bhaile, agus a fhearann.
Agus dh’èirich Iosua agus an sluagh-cogaidh uile, a dhol suas an aghaidh Ai: agus thagh Iosua a‑mach deich-mìle-fichead fear treun ann an neart, agus chuir e air falbh iad anns an oidhche.