Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir fir Ghibeoin fios gu Iosua, don champ gu Gilgal, ag ràdh, Na dèanadh do làmh moille od sheirbhisich: thig a‑nìos dar n‑ionnsaigh gu grad, agus saor sinn, agus cuidich leinn: oir tha rìghrean nan Amorach uile a tha nan còmhnaidh anns na beanntan air cruinneachadh ri chèile nar n‑aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

An sin chuir i dìollaid air asail, agus thubhairt i ra h‑òglach, Tarraing, agus bi ag imeachd: na cuir moille orm a’ marcachd, mura iarr mi ort.

Mar a tha na beanntan mu thimcheall Ierusaleim, mar sin tha an Tighearna mu thimcheall a shluaigh, on àm seo agus gu bràth.

Oir is e an Tighearna ar britheamh; is e an Tighearna ar fear-tabhairt lagha; is e an Tighearna ar Rìgh; tèarnaidh e sinn.

Tha na h‑Amalecich nan còmhnaidh ann am fearann na h‑àird a deas; agus tha na Hitich, agus na h‑Iebusaich, agus na h‑Amoraich, nan còmhnaidh anns na beanntan; agus tha na Canàanaich nan còmhnaidh làimh ris an fhairge, agus ri taobh Iòrdain.

Agus air èirigh do Mhuire anns na làithean sin, chaidh i le cabhaig do dhùthaich nam beann, gu baile de Iùdah,

Agus ghabh mi cinn ur treubhan, daoine glice agus aithnichte, agus rinn mi iad nan ceannardan oirbh, nan uachdarain mhìltean, agus nan uachdarain cheudan, agus nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear, agus nan luchd-riaghlaidh am measg ur treubhan.

Uime sin chruinnich còig rìghrean nan Amorach, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, rìgh Egloin, iad fhèin an ceann a chèile, agus chaidh iad suas, iad fhèin agus an slòigh uile, agus champaich iad fa chomhair Ghibeoin, agus chog iad na aghaidh.

Agus chaidh Iosua suas o Ghilgal, e fhèin, agus an sluagh-cogaidh uile maille ris, agus na fir threuna uile.

Agus thug iad dhaibh mòr-bhaile Arba, athair Anaic (eadhon Hebron) ann an sliabh Iùdah, maille ra fhearann co‑roinn mun cuairt air.

Agus champaich clann Israeil ann an Gilgal, agus chùm iad a’ chàisg, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos anns an fheasgar, ann an còmhnardan Iericho.

Agus rinn Iosua sìth riu, agus rinn e coicheangal riu, a leigeil leo a bhith beò: agus mhionnaich uachdarain a’ cho-chruinneachaidh dhaibh.

Agus chaidh iad a dh’ionnsaigh Iosua don champ gu Gilgal, agus thubhairt iad ris, agus ri fir Israeil, Thàinig sinne o dhùthaich fad as; a‑nis uime sin dèanaibh coicheangal rinn.

Agus thubhairt iad ri Iosua, Is sinne do sheirbhisich. Agus thubhairt Iosua riu, Cò sibh? Agus cia as a thàinig sibh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan