Agus bha crìoch nan Canàanach o Shìdon, mar a thig thu gu Gèrar, gu ruig Gadsa, mar a thèid thu gu Sòdom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim gu ruig Lasa.
Chì Ascelon, agus bidh eagal oirre; Gàsa fòs, agus bidh i ro‑bhrònach; is amhail a bhios Ecron, oir nàraicheadh a dòchas; agus bàsaichidh an rìgh o Ghàsa, agus chan àitichear Ascelon.
Agus dh’imich iad, agus thàinig iad gu Maois, agus gu Aaron, agus gu co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, gu fàsach Phàrain, gu Cadeis; agus thug iad leo fios dan ionnsaigh, agus a dh’ionnsaigh a’ cho-chruinneachaidh uile, agus dh’fheuch iad dhaibh toradh na tìre.
Agus tillidh ur crìoch on taobh mu dheas gu dìreadh Acrabim, agus thèid i air a h‑aghaidh gu Sin; agus bidh a dol a‑mach on taobh mu dheas gu Cadeis-barnea, agus gabhaidh i roimhpe gu Hasar-adar, agus thèid i air a h‑aghaidh gu Asmon:
Agus labhair aingeal an Tighearna ri Philip, ag ràdh, Eirich agus imich a‑chum na h‑àird a deas, a‑chum na slighe a tha a’ dol sìos o Ierusalem gu Gàsa, a tha na fhàsach.
Agus nuair a dh’fhalbh sinn o Hòreb, chaidh sinn tron fhàsach mhòr agus uamhasach sin uile, a chunnaic sibh air slighe sliabh nan Amorach, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuinn; agus thàinig sinn gu Cadeis-barnea.
Agus na h‑Abhaich a bha a chòmhnaidh ann an Haserim, eadhon gu Gadsa, sgrios na Caphtoraich a thàinig a‑mach à Caphtor iad, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite.
Mar an ceudna nuair a chuir an Tighearna sibh o Chadeis-barnea, ag ràdh, Rachaibh suas, agus sealbhaichibh am fearann a thug mise dhuibh; an sin rinn sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna ur Dia, agus cha do chreid sibh e, cha mhò a dh’èisd sibh ra ghuth.
An sin labhair Iosua ris an Tighearna, anns an là anns an tug an Tighearna suas na h‑Amoraich ro chloinn Israeil, agus thubhairt e am fianais Israeil, A ghrian, air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, air gleann Aialoin.
Ghabh iad eagal mòr, do bhrìgh gum bu bhaile mòr Gibeon, mar aon de na bailtean rìoghail, agus do bhrìgh gum bu mhò e na Ai, agus gu robh a dhaoine uile treun.
Mar sin ghlac Iosua am fearann sin uile, na slèibhtean, agus an tìr mu dheas uile, agus fearann Ghòsein uile, agus an gleann, agus an còmhnard, agus sliabh Israeil, agus a ghleann;
Ach ghlac na Philistich e, agus chuir iad a‑mach a shùilean; agus thug iad sìos e gu Gàsa, agus cheangail iad e le geimhlean umha, agus bha e a’ bleith ann an taigh a’ phrìosain.
Agus is iad seo na neasgaidean òir, a dh’ìoc na Philistich mar thabhartas-easaontais don Tighearna: airson Asdoid aon, airson Ghàsa aon, airson Asceloin aon, airson Ghat aon, airson Ecroin aon;