Iosua 10:40Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus bhuail Iosua tìr nam beann uile, agus na h‑àird a deas, agus a’ chòmhnaird, agus nan tobar, agus an rìghrean uile: cha d’fhàg e aon air bith beò, ach lèirsgrios e gach neach anns an robh anail, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil. Faic an caibideil |
Tillibh agus gabhaibh ur turas, agus rachaibh a‑chum sliabh nan Amorach, agus a‑chum nan ionadan uile am fagas dha anns a’ chòmhnard, anns a’ mhonadh, agus anns an t‑srath, agus mu dheas, agus ri taobh na fairge, gu fearann nan Canàanach, agus gu Lebanon, a dh’ionnsaigh na h‑aibhne mòire, abhainn Euphràtes.
Agus fhreagair iad Iosua, agus thubhairt iad, Do bhrìgh gun d’innseadh gu cinnteach dod sheirbhisich cionnas a dh’àithn an Tighearna do Dhia da òglach Maois am fearann uile a thoirt dhuibh, agus luchd-àiteachaidh na tìre uile a sgrios romhaibh, uime sin bha eagal mòr ar n‑anaman oirnn romhaibh, agus rinn sinn an nì seo.