Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlac e e, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus lèirsgrios iad gach anam a bha ann; cha d’fhàg e aon air bith beò: mar a rinn e ri Hebron, mar sin rinn e ri Debir agus ra rìgh: agus mar a rinn e ri Libnah, agus ra rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Mar sin bhuail Iehu iadsan uile a mhair de thaigh Ahaib ann an Iesreel, agus a dhaoine mòra uile, agus a luchd-dàimh, agus a shagartan, gus nach d’fhàg e duine beò aige.

Agus bidh taigh Iàcoib na theine, agus taigh Iòseiph na lasair; agus taigh Esau na asbhuain; agus lasaidh, agus loisgidh iadsan iad; agus chan fhàgar a h‑aon beò de thaigh Esau; oir labhair an Tighearna e.

Mar sin thug an Tighearna ar Dia thairis dar làimh-ne mar an ceudna Og rìgh Bhasain, agus a shluagh uile: agus bhuail sinn e, gus nach d’fhàgadh a h‑aon beò aige.

An sin thàinig Horam rìgh Ghèseir a‑nìos a chuideachadh Lachis; agus bhuail Iosua e agus a shluagh, gus nach d’fhàg e aon air bith beò aige.

Agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus gach anam a bha ann: cha d’fhàg e aon air bith beò, a rèir nan uile nithean a rinn e ri Eglon, ach sgrios e gu tur e, agus gach anam a bha ann.

Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, gu Debir, agus chog e na aghaidh:

Agus bhuail Iosua tìr nam beann uile, agus na h‑àird a deas, agus a’ chòmhnaird, agus nan tobar, agus an rìghrean uile: cha d’fhàg e aon air bith beò, ach lèirsgrios e gach neach anns an robh anail, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil.

Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot-maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò.

Rìgh Dhebir, aon; rìgh Ghedeir, aon;

A‑nis falbh, agus buail na h‑Amalecich, agus sgrios gu tur gach nì a tha aca, agus na caomhain iad; ach marbh araon fear agus bean, leanabh agus cìochran, damh agus caora, càmhal agus asal.

Agus ghlac e Agag, rìgh nan Amaleceach, beò, agus sgrios e an sluagh uile le faobhar a’ chlaidheimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan