Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlac iad e air an là sin fhèin, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus gach anam a bha ann sgrios e gu tur anns an là sin, a rèir nan uile nithean a rinn e ri Lachis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Sgrios e mi air gach taobh, agus chaidh as dhomh; agus chuir e air falbh, mar chraoibh, mo dhòchas.

Agus gidheadh air a shon seo uile, nuair a bhios iad ann an tìr an naimhdean, cha tilg mi uam iad, cha mhò a ghabhas mi gràin dhiubh, gan sgrios gu tur, agus a bhriseadh mo choicheangail riu: oir is mise an Tighearna an Dia.

Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, o Lachis gu Eglon, agus champaich iad na aghaidh, agus chog iad na aghaidh:

Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, suas o Eglon gu Hebron, agus chog iad na aghaidh:

Agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus gach anam a bha ann: cha d’fhàg e aon air bith beò, a rèir nan uile nithean a rinn e ri Eglon, ach sgrios e gu tur e, agus gach anam a bha ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan