Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thàinig Horam rìgh Ghèseir a‑nìos a chuideachadh Lachis; agus bhuail Iosua e agus a shluagh, gus nach d’fhàg e aon air bith beò aige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Daibhidh mar sin, mar a dh’àithn an Tighearna dha: agus bhuail e na Philistich o Theba gus an tig thu gu Gaser.

Agus na dhèidh seo dh’èirich cogadh ann an Gèser ris na Philistich: an sin bhuail Sibechai an Husatach Sipai a bha de shliochd an fhamhair; agus cheannsaicheadh iad.

Agus thug iad dhaibh de na bailtean-dìdein, Sechem ann an sliabh Ephraim, le a fhearann co‑roinn: Gèser mar an ceudna le a fhearann co‑roinn,

Agus thug an Tighearna thairis Lachis do làimh Israeil, agus ghlac e e air an dara là, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus gach anam a bha ann, a rèir nan uile nithean a rinn e air Libnah.

Agus chaidh Iosua, agus Israel uile maille ris, o Lachis gu Eglon, agus champaich iad na aghaidh, agus chog iad na aghaidh:

Rìgh Egloin, aon; rìgh Ghèseir, aon;

Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs.

Agus a’ gabhail sìos a làimh na h‑àird an iar gu crìch Iaphleti, gu crìch Bhet-horoin ìochdaraich, agus gu Gèser: agus tha a dhol a‑mach aig an fhairge.

Oir thug iad dhaibh Sechem le a fhearann co‑roinn ann an sliabh Ephraim, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Gèser le a fhearann co‑roinn.

Cha mhò a dh’fhuadaich Ephraim a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach ghabh na Canàanaich còmhnaidh nam measg ann an Gèser.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan