Ceangail an carbad ris an each luath, O thusa a tha ag àiteachadh Lacheis. B’ise bu toiseach peacaidh do nighinn Shioin: oir annadsa fhuaireadh easaontais Israeil.
Uime sin chuir Adoni-sedec, rìgh Ierusaleim, fios gu Hoham rìgh Hebroin, agus gu Piram rìgh Iarmuit, agus gu Iaphia rìgh Lachis, agus gu Debir rìgh Egloin, ag ràdh,
Agus thug an Tighearna thairis e mar an ceudna, agus a rìgh, do làimh Israeil, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus na h‑anaman uile a bha ann: cha d’fhàg e neach air bith beò ann, ach rinn e ra rìgh mar a rinn e ri rìgh Iericho.
Agus thug an Tighearna thairis Lachis do làimh Israeil, agus ghlac e e air an dara là, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus gach anam a bha ann, a rèir nan uile nithean a rinn e air Libnah.
Uime sin chruinnich còig rìghrean nan Amorach, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, rìgh Egloin, iad fhèin an ceann a chèile, agus chaidh iad suas, iad fhèin agus an slòigh uile, agus champaich iad fa chomhair Ghibeoin, agus chog iad na aghaidh.