Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an àm dol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas iad o na croinn, agus thilg iad iad anns an uaimh anns an d’fhalaich iad iad fhèin, agus chuir iad clachan mòra am beul na h‑uamha, a tha an làthair gus a’ cheart là seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh iad Absalom, agus thilg iad e ann an sloc mòr anns a’ choille, agus chuir iad càrn ro‑mhòr chlach air: agus theich Israel uile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

Agus chuir Iosua suas dà‑chloich-dheug am meadhon Iòrdain, anns an ionad anns an do sheas casan nan sagart a ghiùlain àirc a’ choicheangail: agus tha iad an sin gus an là‑an‑diugh.

Agus thog iad suas càrn mòr chlach air a mhuin gus an là‑an‑diugh. Agus thill an Tighearna o ghairge a chorraich: uime sin thugadh gleann Achoir mar ainm air an àite sin, gus an là‑an‑diugh.

Agus rìgh Ai chroch e air crann gu àm an fheasgair: agus mu dhol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas a chorp on chrann, agus thilg iad e aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus thog iad air càrn mòr chlach, a tha an làthair gus an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan