Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh sin bhuail Iosua iad, agus mharbh e iad, agus chroch e iad air còig croinn: agus bha iad an crochadh air na croinn gu feasgar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Thugar dhuinn seachdnar de a mhic-san, agus crochaidh sinn suas iad don Tighearna, ann an Gibeah Shauil, a thagh an Tighearna. Agus thubhairt an rìgh, Bheir mi dhuibh iad.

Agus thug e thairis iad do làimh nan Gibeonach, agus chroch iad iad anns an t‑sliabh am fianais an Tighearna; agus thuit an t‑seachdnar sin cuideachd, agus chuireadh gu bàs iad ann an ciad làithean an fhogharaidh, ann an toiseach fogharadh an eòrna.

Agus rannsaicheadh an nì, agus fhuaireadh a‑mach e, agus chrochadh suas iad le chèile air crann: agus sgrìobhadh e ann an leabhar nan eachdraidh am fianais an rìgh.

A‑chum dìoghaltas a dhèanamh air na cinnich, smachdachadh goirt air na slòigh;

Ghlaodh iad, ach cha robh fear-saoraidh ann; eadhon air an Tighearna, ach cha do fhreagair e iad.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Glac cinn-fheadhna an t‑sluaigh uile, agus croch suas iad an làthair an Tighearna fa chomhair na grèine, a‑chum is gun till corraich gharg an Tighearna o Israel.

Agus fhreagair am poball uile, agus thubhairt iad, Biodh a fhuil oirnne, agus air ar cloinn.

An sin a‑chum nach fanadh na cuirp air a’ chrann-cheusaidh air an t‑sàbaid, a chionn gum b’e là an ullachaidh a bha ann (oir bu là mòr an là sàbaid sin), dh’iarr na h‑Iùdhaich air Pilat gun rachadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun tugte air falbh iad.

Shaor Crìosd sinne o mhallachadh an lagha, air dha a bhith air a dhèanamh na mhallachadh air ar son: oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach aon a chrochar air crann:

Agus rìgh Ai chroch e air crann gu àm an fheasgair: agus mu dhol fodha na grèine dh’àithn Iosua, agus thug iad a‑nuas a chorp on chrann, agus thilg iad e aig dol a‑steach geata a’ bhaile, agus thog iad air càrn mòr chlach, a tha an làthair gus an là‑an‑diugh.

An sin thubhairt Sèba agus Salmuna, Eirich fhèin, agus buail oirnn: oir mar an duine, tha a neart. Agus dh’èirich Gideon, agus mharbh e Sèba agus Salmuna, agus thug e leis na h‑usgraichean a bha air amhaichean an càmhal.

Agus thubhairt Samuel, Mar a rinn do chlaidheamh-sa mnathan gun chlann, mar sin bidh do mhàthair gun chlann am measg bhan. Agus thug Samuel fa‑near Agag a ghearradh sìos na mhìrean am fianais an Tighearna ann an Gilgal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan