Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thill an sluagh uile don champ gu Iosua aig Macedah ann an sìth: cha do ghluais neach a theanga an aghaidh duine sam bith de chloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Ach an aghaidh aoin de chloinn Israeil cha charaich madadh a theanga, aon chuid an aghaidh duine no ainmhidh; a‑chum is gum bi fhios agaibh cionnas a chuireas an Tighearna dealachadh eadar na h‑Eiphitich agus Israel.

Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna.

Cò da bheil sibh a’ dèanamh àbhachd? Ris a bheil sibh a’ dèanamh beòil fharsaing, agus a’ sìneadh a‑mach na teangaidh? Nach clann sibh a chlaon a lethtaobh, sìol na foill?

Agus nuair a chuir Iosua agus clann Israeil crìoch air am marbhadh le àr ro‑mhòr, gus an do chuireadh as dhaibh, chaidh a’ chuid a mhair dhiubh a‑steach do na bailtean daingnichte.

An sin thubhairt Iosua, Fosglaibh beul na h‑uamha, agus thugaibh a‑mach am ionnsaigh na còig rìghrean ud as an uaimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan