Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chuir Iosua agus clann Israeil crìoch air am marbhadh le àr ro‑mhòr, gus an do chuireadh as dhaibh, chaidh a’ chuid a mhair dhiubh a‑steach do na bailtean daingnichte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, A‑nis nì Sèba mac Bhichri tuilleadh croin dhuinn na rinn Absalom: gabh thusa seirbhisich do thighearna, agus falbh air a thòir, air eagal gum faigh e dha fhèin bailtean daingnichte, agus gun tèid e as uainn.

Agus chaidh rìgh Israeil a‑mach agus bhuail e na h‑eich, agus na carbadan, agus mharbh e na Sirianaich le àr mòr.

Agus mharbh Abiah agus a shluagh iad le àr mòr: oir thuit sìos marbh de Israel còig ceud mìle fear taghte.

Cuiribh-se an cèill ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem dèanaibh follais, agus abraibh, Sèidibh an trompaid anns an tìr; èighibh gu h‑àrd agus abraibh, Cruinnichibh ri chèile, agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte.

Carson a tha sinn a’ suidhe nar tàmh? Cruinnichibh sibh fhèin agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte; agus bitheamaid nar tosd an sin; oir chuir an Tighearna ar Dia nar tosd sinn, agus thug e dhuinn uisge domblais ra òl, a chionn gun do pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna.

Ach de bhailtean an t‑sluaigh sin a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut mar oighreachd, cha ghlèidh thu nì sam bith beò anns a bheil anail:

Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet-horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.

Agus na stadaibh-se, ach rachaibh air tòir ur naimhdean, agus buailibh iadsan as deireannaiche dhiubh, na leigibh leo dol a‑steach dam bailtean; oir thug an Tighearna ur Dia iad thairis dur làimh.

Agus thill an sluagh uile don champ gu Iosua aig Macedah ann an sìth: cha do ghluais neach a theanga an aghaidh duine sam bith de chloinn Israeil.

Agus uile bhailtean nan rìgh sin, agus an rìghrean uile, ghlac Iosua, agus bhuail e iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus sgrios e gu tur iad, mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna.

Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot-maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò.

Agus nuair a chuir Israel crìoch air uile luchd-àiteachaidh Ai a mharbhadh, anns a’ mhachair, anns an fhàsach don do chuir iad an ruaig orra, agus nuair a thuit iad uile le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuireadh as dhaibh, an sin thill na h‑Israelich uile gu Ai, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan