Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iosua, Caraichibh clachan mòra air beul na h‑uamha, agus cuiribh daoine làimh rithe gan gleidheadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Gun gleidhear an t‑aingidh a‑chum là an sgrios; a‑chum là na feirge gun toirear a‑mach iad.

Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh;

Chunnaic mi an Tighearna na sheasamh air an altair; agus thubhairt e, Buail an t‑àrd-doras, air chor is gun criothnaich na h‑ursannan: oir gearraidh mise anns a’ cheann iad, an t‑iomlan dhiubh; agus an sliochd marbhaidh mi leis a’ chlaidheamh: an tì a theicheas dhiubh cha tèid e as; agus an tì a ghabhas an ruaig dhiubh cha tèarnar e.

Agus dh’imich iad, agus rinn iad an uaigh cinnteach, a’ cur seula air a’ chloich, maille ri faire.

Agus dh’innseadh do Iosua, ag ràdh, Fhuaireadh na còig rìghrean falaichte ann an uaimh ann am Macedah.

Agus na stadaibh-se, ach rachaibh air tòir ur naimhdean, agus buailibh iadsan as deireannaiche dhiubh, na leigibh leo dol a‑steach dam bailtean; oir thug an Tighearna ur Dia iad thairis dur làimh.

An sin thubhairt Iosua, Fosglaibh beul na h‑uamha, agus thugaibh a‑mach am ionnsaigh na còig rìghrean ud as an uaimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan