Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, don champ gu Gilgal;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus thug e a‑mach an sluagh a bha ann, agus chuir e iad fo shàbhan, agus fo innealan-bualaidh iarainn, agus fo thuaghan iarainn, agus thug e orra dol tro àth nan clachan-creadha; agus mar seo rinn e ri uile bhailtean chloinn Amoin. Agus thill Daibhidh agus an sluagh uile gu Ierusalem.

Agus cha robh là sam bith cosmhail ris an là sin, roimhe no na dhèidh, anns an d’èisd an Tighearna ri guth duine; oir chog an Tighearna airson Israeil.

Ach theich na còig rìghrean ud, agus dh’fhalaich iad iad fhèin ann an uaimh ann am Macedah.

Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, don champ gu Gilgal.

Agus chuir fir Ghibeoin fios gu Iosua, don champ gu Gilgal, ag ràdh, Na dèanadh do làmh moille od sheirbhisich: thig a‑nìos dar n‑ionnsaigh gu grad, agus saor sinn, agus cuidich leinn: oir tha rìghrean nan Amorach uile a tha nan còmhnaidh anns na beanntan air cruinneachadh ri chèile nar n‑aghaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan