Agus cha robh là sam bith cosmhail ris an là sin, roimhe no na dhèidh, anns an d’èisd an Tighearna ri guth duine; oir chog an Tighearna airson Israeil.
Agus thug e air falbh rothan an carbad, air chor is gun do tharraingeadh iad gu trom. Agus thubhairt na h‑Eiphitich, Teicheamaid à làthair Israeil, oir tha an Tighearna a’ cogadh leòsan an aghaidh nan Eiphiteach.
Feuch, bheir mi air ais dubhar nan ceum, a tha air dol leis a’ ghrèin air ceuman Ahais, deich ceuman air ais. Agus thill a’ ghrian air a h‑ais deich ceuman air na ceuman air an deachaidh i sìos.
Agus thubhairt an Tighearna, Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne de shìol mustaird, theireadh sibh ris a’ chraoibh shicamin seo, Bi air do spìonadh as do fhreumhan, agus bi air do shuidheachadh anns a’ chuan. Agus bhiodh i umhail dhuibh.