Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin labhair Iosua ris an Tighearna, anns an là anns an tug an Tighearna suas na h‑Amoraich ro chloinn Israeil, agus thubhairt e am fianais Israeil, A ghrian, air Gibeon stad, agus thusa, a ghealach, air gleann Aialoin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Abner mac Neir, agus seirbhisich Isboseit mhic Shauil a‑mach o Mhahanaim gu Gibeon.

Agus fhreagair Heseciah, Is suarach an nì don dubhar dol sìos deich ceumannan; chan eadh, ach tilleadh an dubhar air ais deich ceumannan.

Agus ghlaodh Isaiah am fàidh ris an Tighearna; agus thug e air ais an dubhar deich ceumannan a chaidh e sìos air uaireadair-grèine Ahais.

Agus thubhairt Isaiah, Bidh seo na chomharradh dhut on Tighearna gun dèan an Tighearna an nì a labhair e: An tèid an dubhar air aghaidh deich ceumannan, no an tèid e air ais deich ceumannan?

Agus Beriah agus Sema: b’iadsan cinn athraichean luchd-àiteachaidh Aialoin, a ruaig luchd-àiteachaidh Ghat:

Agus Sorah, agus Aialon, agus Hebron, a tha ann an Iùdah, agus ann am Beniàmin, nam bailtean daingnichte.

A dh’àithneas don ghrèin, agus chan èirich i; agus air na reultan a chuireas seula:

Molaibh e, a ghrian agus a ghealach; molaibh e, uile reultan solais.

Air feadh na talmhainn uile chaidh am fuaim a‑mach, agus am facail gu iomall an domhain.

Is leatsa an là, mar an ceudna is leatsa an oidhche; is tu a dheasaich solas agus grian.

Oir èiridh an Tighearna suas, mar ann an sliabh Pherasim, bidh corraich air mar ann an gleann Ghibeoin; a‑chum gun coilean e a obair fhèin, obair neo-ghnàthach; agus gun dèan e a ghnìomh fhèin, a ghnìomh coimheach.

Feuch, bheir mi air ais dubhar nan ceum, a tha air dol leis a’ ghrèin air ceuman Ahais, deich ceuman air ais. Agus thill a’ ghrian air a h‑ais deich ceuman air na ceuman air an deachaidh i sìos.

Cha tèid do ghrian tuilleadh sìos, cha mhò a dhorchaichear do ghealach: oir bidh an Tighearna na sholas sìorraidh dhut, agus crìochnaichear làithean do bhròin.

Agus thàrladh anns a’ bhliadhna sin fhèin, an toiseach linn Shedeciah rìgh Iùdah, anns a’ cheathramh bliadhna anns a’ chòigeamh mìos, gun do labhair Hananiah mac Asuir, am fàidh a bha o Ghibeon, riumsa ann an taigh an Tighearna, an làthair nan sagart agus an t‑sluaigh uile, ag ràdh,

Gidheadh sgrios mise an t‑Amorach romhpa, a bha àrd mar àirde nan seudar; agus làidir mar na daragan: gidheadh sgrios mise a thoradh os a chionn, agus a fhreumhan foidhe.

Agus tàrlaidh air an là sin, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, gun toir mise air a’ ghrèin dol fodha air mheadhon-là, agus nì mi an talamh dorcha anns an là shoilleir.

Ach tha an Tighearna na theampall naomh: bi ad thosd na fhianais, O thalaimh uile.

Sheas a’ ghrian agus a’ ghealach nan àite: nan solas shiubhail do shaighdean; nan dealradh do shleaghan lìomhte.

Bi tosdach, O uile fheòil, an làthair an Tighearna: oir tha e air a thogail suas o a ionad-còmhnaidh naomh.

Agus gun deachaidh e agus gun do rinn e seirbhis do dhiathan eile, agus gun do rinn e adhradh dhaibh, aon chuid don ghrèin, no don ghealaich, no do uile armailt nèimh, nach d’àithn mise;

Agus air eagal gun tog thu suas do shùilean ri nèamh, agus nuair a chì thu a’ ghrian, agus a’ ghealach, agus na reultan, eadhon slòigh nèimh uile, gun tàirngear thu gu cromadh sìos dhaibh, agus gu adhradh a dhèanamh dhaibh, a roinn an Tighearna do Dhia ris gach cinneach a tha fo nèamh uile.

Agus stad a’ ghrian, agus sheas a’ ghealach, gus an do dhìol an sluagh iad fhèin air an naimhdean. Nach eil seo sgrìobhte ann an leabhar Iaseir? Agus stad a’ ghrian am meadhon nèimh, agus cha do rinn i cabhag gu dol fodha mu thimcheall là iomlain.

Agus Saalabin, agus Aialon, agus Ietlah,

Aialon le a fhearann co‑roinn: Gat-rimon le a fhearann co‑roinn, ceithir bailtean.

Agus fhuair Elon an Sebulonach bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an Aialon, ann an tìr Shebuloin.

O nèamh chog na reultan; on slighean àrda chog iad an aghaidh Shisera.

Agus ghairm Samuel air an Tighearna; agus chuir an Tighearna a‑nuas tàirneanach agus uisge air an là sin: agus ghabh an sluagh uile eagal mòr ron Tighearna, agus ro Shamuel.

Agus bhuail iad air an là sin na Philistich o Mhichmas gu Aialon: agus bha an sluagh air fannachadh gu mòr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan