Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bha iad a’ teicheadh ro Israel, agus iad air leathad Bhet-horoin, thilg an Tighearna clachan mòra orra a‑nuas o nèamh gu Hasecah, agus fhuair iad bàs: bu lìonmhoire iadsan a bhàsaich leis na clachan-meallain na iadsan a mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

An sin thug an Tighearna air pronnasg agus teine frasadh air Sòdom agus air Gomorrah a‑nuas on Tighearna as na nèamhan:

Oir bha an cath sin air sgaoileadh air aghaidh na tìre uile; agus chuir a’ choille as do thuilleadh sluaigh air an là sin na chuir an claidheamh.

An deachaidh tu a‑steach gu ionmhasan an t‑sneachda? No am faca tu ionmhasan na cloiche-meallain,

A thaisg mise fa chomhair aimsir na teanntachd, fa chomhair là a’ chatha agus a’ chogaidh?

Frasaidh e air na h‑aingidh ribeachan, teine agus pronnasg agus doineann uamhasach, mar chuibhreann an cupain.

Tilgidh e a‑mach a eigh mar ghreamannan; cò a dh’fhaodas seasamh fa chomhair a fhuachd?

Feuch, tha aig an Tighearna fear cumhachdach agus làidir, mar stoirm mheallain, mar dhoininn mhilltich, mar thuil uisgeachan mòra a’ taomadh thairis, a thilgeadh sìos a‑chum an làir le a làimh.

Oir èiridh an Tighearna suas, mar ann an sliabh Pherasim, bidh corraich air mar ann an gleann Ghibeoin; a‑chum gun coilean e a obair fhèin, obair neo-ghnàthach; agus gun dèan e a ghnìomh fhèin, a ghnìomh coimheach.

Agus bheir an Tighearna fa‑near gun cluinnear a ghuth glòrmhor, agus gum faicear leagadh a‑nuas a ghàirdein, le corraich ghairg, agus le lasair teine chaithtich; le sgapadh, agus doininn, agus clachan-meallain.

Abair riùsan a tha ga thilgeadh thairis le criadh gun obrachadh gun tuit e: bidh fras thuilteach ann, agus tùirlingidh sibhse, O chlachan-meallain mòra; agus nì gaoth dhoineannach a bhriseadh.

Oir tha an Tighearna ur Dia a’ dol maille ribh, a chogadh air ur son an aghaidh ur naimhdean, a‑chum ur tèarnadh.

Agus dh’fhosgladh teampall Dhè air nèamh, agus chunnacas na theampall àirc a’ choicheangail: agus bha dealanaich, agus guthan, agus tàirneanaich, agus crith-thalmhainn, agus clachan-meallain mòra ann.

Agus thàinig clachan-meallain mòra a‑nuas o nèamh air daoine, gach clach cho trom ri tàlann: agus thug daoine toibheum do Dhia, airson plàigh nan clachan-meallain; oir bha am plàigh ro‑mhòr.

O nèamh chog na reultan; on slighean àrda chog iad an aghaidh Shisera.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan