Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 1:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a‑rìs thu a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir cha trèig mi thu, gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut.

Agus bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus bha e na dhuine leis an do shoirbhich gach nì; agus bha e ann an taigh a mhaighistir, an t‑Eiphiteach.

Agus chunnaic a mhaighistir gu robh an Tighearna maille ris, agus gun tug an Tighearna air gach nì a rinn e soirbheachadh na làimh.

A‑nis dh’àithn Absalom da òglaich, ag ràdh, Thugaibh fa‑near a‑nis nuair a bhios cridhe Amnoin subhach le fìon, agus nuair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? Bithibh misneachail, agus bithibh treun.

Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh a mhac, Bi làidir agus gabh misneach, agus dèan e: na biodh eagal ort, agus na bi fo uamhas, oir bidh an Tighearna Dia, mo Dhia-sa, leat; chan fhàilnich e ort, cha mhò a thrèigeas e thu, gus an crìochnaich thu an obair uile fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna.

Ach bithibh-se làidir, agus na biodh ur làmhan lag; oir tha duais ann airson ur n‑obrach.

Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Ach a‑nis mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, O Iàcoib, agus a dhealbh thu, O Israeil; Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu; ghairm mi thu air d’ainm; is leamsa thu.

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; on ear bheir mi do shliochd, agus on iar cruinnichidh mi thu:

Na abraibh-sa co‑bhainn ris gach nì ris an abair an sluagh seo co‑bhainn; agus na gabhaibh eagal ron uamhas-san, agus na biodh geilt oirbh.

Agus thubhairt e, O dhuine ro‑ionmhainn, na biodh eagal ort; sìth dhut, bi làidir, seadh bi làidir. Agus nuair a labhair e rium, neartaicheadh mi, agus thubhairt mi, Labhradh mo thighearna; oir rinn thu mo neartachadh.

Gidheadh a‑nis bi làidir, O Sherubabeil, tha an Tighearna ag ràdh; agus bi làidir, O Iosuah, mhic Iosedeich, an t‑àrd-shagart; agus bithibh-se làidir, uile shluagh an fhearainn, tha an Tighearna ag ràdh; agus dèanaibh obair; oir tha mise leibh, deir Tighearna nan sluagh.

A rèir an fhacail a dhaingnich mi ribh nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit, mar sin tha mo spiorad a’ fantainn nur measg: na biodh eagal oirbh.

Ach fhreagair Peadar, agus Eòin agus thubhairt iad riu, A bheil e ceart ann am fianais Dhè, èisdeachd ribhse ro Dhia, thugaibh fhèin breith.

Feuch, chuir an Tighearna do Dhia am fearann romhad, imich suas, sealbhaich e, a rèir mar a thubhairt an Tighearna Dia d’athraichean riut; na biodh eagal ort, agus na biodh faitcheas ort.

Nuair a thèid thu a‑mach gu cath an aghaidh do naimhdean, agus a chì thu eich agus carbadan, agus sluagh as lìonmhoire na thu fhèin, na biodh eagal ort romhpa: oir tha an Tighearna do Dhia maille riut, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit.

Agus dh’àithn e do Iosua mac Nuin, agus thubhairt e, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir bheir thu clann Israeil don fhearann a mhionnaich mi dhaibh; agus bidh mise maille riut.

Cruinnichibh am ionnsaigh seanairean ur treubhan uile, agus ur luchd-riaghlaidh, a‑chum is gun labhair mi nan cluasan na briathran seo, agus gun gairm mi na nèamhan agus an talamh mar fhianaisean nan aghaidh.

An sin dh’àithn Iosua do luchd-riaghlaidh an t‑sluaigh, ag ràdh,

A rèir mar a dh’èisd sinn ri Maois anns na h‑uile nithean, mar sin èisdidh sinn riutsa: a‑mhàin biodh an Tighearna do Dhia maille riut, mar a bha e maille ri Maois.

Gach duine a chuireas an aghaidh d’àithne, agus nach èisd rid bhriathran, anns na h‑uile nithean a dh’àithneas tu dha, cuirear gu bàs e: a‑mhàin bi làidir, agus ro‑mhisneachail.

Agus thubhairt Iosua riu, Na biodh eagal oirbh agus na bithibh fo gheilt, bithibh làidir agus biodh deagh mhisneach agaibh; oir mar seo nì an Tighearna ri ur naimhdean uile ris a bheil sibh a’ cogadh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal romhpa; oir thug mise thairis dod làimh iad: cha seas duine dhiubh romhad.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, An‑diugh tòisichidh mi air thusa a dhèanamh mòr ann an sealladh Israeil uile, a‑chum gum bi fhios aca, mar a bha mi le Maois, gum bi mi leatsa.

Mar seo bha an Tighearna maille ri Iosua, agus sgaoileadh a iomradh-san air feadh na tìre uile.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal, agus na bi fo gheilt; gabh an sluagh-cogaidh uile maille riut, agus èirich, imich suas gu Ai: feuch, thug mi thairis dod làimh rìgh Ai, agus a shluagh, agus a bhaile, agus a fhearann.

Agus dh’amhairc an Tighearna air, agus thubhairt e, Imich ann ad neart seo, agus saoraidh tu Israel o làimh nam Midianach: nach do chuir mise uam thu?

Agus nuair a thig na comharraidhean sin ort, nì thu mar a fhreagras a’ chùis dhut, oir bidh Dia maille riut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan