Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 1:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha m’òglach Maois marbh: a‑nis uime sin èirich, gabh thairis air Iòrdan seo, thu fhèin, agus an sluagh seo uile, a dh’ionnsaigh na tìre a tha mise a’ tabhairt dhaibh, eadhon do chloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bheir mi dhutsa, agus dod shliochd ad dhèidh, am fearann anns a bheil thu ad choigreach, tìr Chanàain uile, mar sheilbh shìorraidh; agus bidh mise am Dhia dhaibh.

Agus rinn thu an clann lìonmhor mar reultan nan nèamh, agus thug thu iad don tìr mun dubhairt thu ri an athraichean, gun rachadh iad a‑steach ga sealbhachadh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, An tug thu fa‑near m’òglach Iob, nach eil neach ann cosmhail ris air an talamh, duine coileanta agus dìreach, air a bheil eagal Dhè, agus a’ seachnadh uilc?

Feuch m’òglach, a chumas mi suas; m’aon taghte, anns a bheil tlachd aig m’anam: chuir mi mo Spiorad air; foillsichidh e breitheanas do na cinnich.

Chan ann mar sin dom sheirbhiseach Maois, a tha fìrinneach ann am thaigh uile.

Ach thoir àithne do Iosua, agus thoir misneach dha, agus neartaich e: oir thèid esan thairis ron t‑sluagh seo, agus bheir e orra am fearann sin a chì thusa a shealbhachadh mar oighreachd.

Agus ghairm Maois air Iosua, agus thubhairt e ris ann an sealladh Israeil uile, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir is tusa a thèid a‑steach leis an t‑sluagh seo don fhearann a mhionnaich an Tighearna dan athraichean gun tugadh e dhaibh; agus bheir thu orra a shealbhachadh mar oighreachd.

Agus fhuair Maois, òglach an Tighearna, bàs an sin, ann am fearann Mhòaib, a rèir facal an Tighearna.

A‑nis, an dèidh bàs Mhaois, òglach an Tighearna, labhair an Tighearna ri Iosua mac Nuin, fear-frithealaidh Mhaois, ag ràdh,

Rachaibh tron champ, agus àithnibh don t‑sluagh, ag ràdh, Deasaichibh dhuibh fhèin lòn: oir an ceann trì làithean thèid sibh thar Iòrdan seo, a dhol a‑steach a shealbhachadh na tìre a tha an Tighearna ur Dia a’ toirt dhuibh ra sealbhachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan