Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 1:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A rèir mar a dh’èisd sinn ri Maois anns na h‑uile nithean, mar sin èisdidh sinn riutsa: a‑mhàin biodh an Tighearna do Dhia maille riut, mar a bha e maille ri Maois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt do bhanoglach, Bidh facal mo thighearna an rìgh a‑nis sòlasach: oir mar aingeal Dhè, mar sin tha mo thighearna an rìgh a thuigsinn maith agus uilc: agus bidh an Tighearna do Dhia maille riut.

Mar a bha an Tighearna maille rim thighearna, an rìgh, guma h‑amhlaidh a bhios e le Solamh, agus gun àrdaicheadh e a rìgh-chathair thar rìgh-chathair mo thighearna rìgh Daibhidh.

Agus thubhairt Daibhidh ri Solamh a mhac, Bi làidir agus gabh misneach, agus dèan e: na biodh eagal ort, agus na bi fo uamhas, oir bidh an Tighearna Dia, mo Dhia-sa, leat; chan fhàilnich e ort, cha mhò a thrèigeas e thu, gus an crìochnaich thu an obair uile fa chomhair seirbhis taigh an Tighearna.

Gun èisdeadh an Tighearna riut ann an là teanntachd! Gun cumadh ainm Dia Iàcoib suas thu!

Gun tugadh e dhut a rèir do chridhe fhèin, agus gun coileanadh e do chomhairle uile!

Saor an rìgh, a Thighearna, agus èisd rinn anns an là anns an gairm sinn.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Gabh ad ionnsaigh Iosua mac Nuin, duine anns a bheil an spiorad, agus cuir do làmh air.

Agus cuiridh tu cuid ded urram air, a‑chum is gum bi co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile umhail dha.

Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan!

Agus bha Iosua mac Nuin làn de spiorad a’ ghliocais; oir chuir Maois a làmhan air: agus dh’èisd clann Israeil ris, agus rinn iad mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.

Agus fhreagair iad Iosua, ag ràdh, Na h‑uile nithean a dh’àithn thu dhuinne, nì sinn; agus ge bè taobh a chuireas tu sinn, thèid sinn.

Gach duine a chuireas an aghaidh d’àithne, agus nach èisd rid bhriathran, anns na h‑uile nithean a dh’àithneas tu dha, cuirear gu bàs e: a‑mhàin bi làidir, agus ro‑mhisneachail.

Chan urrainn duine sam bith seasamh ad aghaidh uile làithean do bheatha. Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa: cha dìobair mi thu, agus cha trèig mi thu.

Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.

Air an là sin dh’àrdaich an Tighearna Iosua ann an sealladh Israeil uile, agus bha eagal orra roimhe, mar a bha eagal orra ro Mhaois, uile làithean a bheatha.

Mar an ceudna thubhairt Daibhidh, An Tighearna a shaor mise à màg an leòmhainn, agus à màg a’ mhath-ghamhainn, saoraidh esan mi à làimh an Philistich seo. Agus thubhairt Saul ri Daibhidh, Falbh, agus gu robh an Tighearna maille riut.

Gun dèanadh an Tighearna mar sin, agus nas ro‑mhò ri Ionatan: ach mas toil lem athair olc a dhèanamh ort, an sin foillsichidh mi dhut e, agus cuiridh mi air falbh thu, agus imichidh tu an sìth; agus gu robh an Tighearna maille riut, mar a bha e maille rim athair-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan