Iosua 1:14Am Bìoball Gàidhlig 1992Fanaidh ur mnathan, ur clann bheag, agus ur sprèidh, anns an tìr a thug Maois dhuibh air an taobh seo de Iòrdan; ach thèid sibh fhèin thairis fo ur n‑airm ro ur bràithrean, sibhse uile a tha treun ann an neart, agus cuidichidh sibh leo; Faic an caibideil |
Gus an toir an Tighearna fois dur bràithrean, mar a thug e dhuibhse, agus gun sealbhaich iadsan mar an ceudna an tìr a tha an Tighearna ur Dia a’ tabhairt dhaibh: an sin tillidh sibh gu tìr ur seilbhe, agus sealbhaichidh sibh i, eadhon an tìr a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine.