Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 1:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Rachaibh tron champ, agus àithnibh don t‑sluagh, ag ràdh, Deasaichibh dhuibh fhèin lòn: oir an ceann trì làithean thèid sibh thar Iòrdan seo, a dhol a‑steach a shealbhachadh na tìre a tha an Tighearna ur Dia a’ toirt dhuibh ra sealbhachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Till, agus abair ri Heseciah, ceannard mo shluaigh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir: feuch, slànaichidh mi thu; air an treas là thèid thu suas do thaigh an Tighearna.

Agus bidh iad deas air cheann an treas là; oir air an treas là thig an Tighearna a‑nuas ann an sealladh an t‑sluaigh uile air sliabh Shinài.

An ceann dà là nì e ar n‑ath-bheothachadh, air an treas là dùisgidh e suas sinn, agus bidh sinn beò na shealladh.

Oir thèid sibh thar Iòrdan, a dhol a‑steach a shealbhachadh an fhearainn a tha an Tighearna ur Dia a’ toirt dhuibh, agus sealbhaichidh sibh e, agus gabhaidh sibh còmhnaidh ann.

Agus dh’àithn mi dhuibh anns an àm sin, ag ràdh, Thug an Tighearna ur Dia dhuibh am fearann seo ra shealbhachadh: thèid sibh a‑null fo ur n‑airm ro ur bràithrean clann Israeil, gach neach a tha foghainteach a‑chum cogaidh.

Eisd, O Israeil: tha thu gu gabhail thar Iòrdan an‑diugh, gu dol a‑steach a shealbhachadh chinneach as mò agus as treasa na thu fhèin, bailtean mòra agus daingnichte suas gu nèamh;

An sin dh’àithn Iosua do luchd-riaghlaidh an t‑sluaigh, ag ràdh,

Tha m’òglach Maois marbh: a‑nis uime sin èirich, gabh thairis air Iòrdan seo, thu fhèin, agus an sluagh seo uile, a dh’ionnsaigh na tìre a tha mise a’ tabhairt dhaibh, eadhon do chloinn Israeil.

Agus an ceann trì làithean, chaidh an luchd-riaghlaidh tron champ;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan