Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 3:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Eighibh-se an seo am measg nan cinneach; ullaichibh cogadh, dùisgibh suas na cumhachdaich; thigeadh na fir-chogaidh uile am fagas, thigeadh iad a‑nìos.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Abraibh am measg nan cinneach, Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; mar an ceudna daingnichear an domhan, a‑chum nach gluaisear e; bheir e breith air na slòigh le ceartas.

Dlùthaichibh, a chinneacha, a‑chum èisdeachd; agus thugaibh aire, O fhineachan: èisdeadh an talamh agus a làn, an saoghal agus na h‑uile a tha a’ teachd a‑mach uaithe.

Cluinnibh facal an Tighearna, O chinneachan, agus cuiribh an cèill e anns na h‑eileanan fad as, agus abraibh, Esan a sgap Israel, nì e a chruinneachadh agus a choimhead, mar a nì buachaille a threud.

Cuiribh an cèill am measg nan cinneach, agus foillsichibh, agus cuiribh suas a’ bhratach; foillsichibh, na ceilibh: abraibh, Ghlacadh Bàbilon, mhaslaicheadh Bel, bhriseadh Merodach na bloighdean, chlaoidheadh a h‑iodhalan, bhriseadh nam bloighdean a dealbhan.

Geuraichibh na saighdean; cruinnichibh na sgiathan; dhùisg an Tighearna suas spiorad rìghrean Mhedia; oir tha a rùn an aghaidh Bhàbiloin, a‑chum a sgrios: gu deimhinn is e dìoghaltas an Tighearna a tha ann, dìoghaltas a theampaill.

Cuiribh suas bratach anns an fhearann, sèidibh an trompaid am measg nan cinneach, deasaichibh na h‑aghaidh cinnich, gairmibh an ceann a chèile na h‑aghaidh rìoghachdan, Ararat, Mini, agus Aschenas; sònraichibh ceann-feadhna na h‑aghaidh; thugaibh air na h‑eich teachd a‑nìos mar na lòcaist fhriodhanach.

Deasaichibh cogadh na h‑aghaidh. Eiribh, agus rachamaid suas mu mheadhon là. Mo thruaighe sinne! Oir tha an là air dol seachad; oir tha dubharan an anmoich air an sìneadh a‑mach.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, An tusa an tì mun do labhair mi o shean lem sheirbhisich, fàidhean Israeil, a rinn fàistneachd anns na làithean sin, rè bhliadhnachan, gun tugainn-sa thu nan aghaidh?

Bi thusa deas, agus ullaich air do shon fhèin, thu fhèin agus d’uile chuideachd a tha air an cruinneachadh thugad, agus bi dhaibh ad dhìdein.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh mu thimcheall nam fàidhean a tha a’ toirt air mo shluagh-sa dol air seachran, a tha a’ teumadh lem fiaclan, agus a’ glaodhaich, Sìth: ach airson an tì nach cuir nam beul, tha iad ag ullachadh cogaidh na aghaidh.

Agus crathaidh mi na h‑uile chinnich, agus thig Miann nan uile chinneach; agus lìonaidh mi an taigh seo le glòir, deir Tighearna nan sluagh.

Oir cruinnichidh mise na h‑uile chinnich an aghaidh Ierusaleim gu cogadh; agus glacar am baile, agus creachar na taighean, agus èignichear na mnathan; agus thèid leth a’ bhaile air falbh ann am bruid; agus cha ghearrar a’ chuid eile den t‑sluagh as on bhaile.

Agus thèid an Tighearna a‑mach, agus cogaidh e an aghaidh nan cinneach sin, mar a chog e ann an là a’ chatha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan