Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 3:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus reicidh mi ur mic agus ur nigheanan gu làimh chloinn Iùdah; agus reicidh iadsan iad ris na Sabèanaich, ri sluagh fad as; oir labhair an Tighearna e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus leum na Sabèanaich orra, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h‑òglaich le faobhar a’ chlaidheimh: agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut.

Bheir rìghrean Tharsis agus nan eilean tìodhlacan uapa; bheir rìghrean Shèba agus Shaba tabhartasan dha.

Agus thig mic do luchd-sàrachaidh gan cromadh fhèin ann ad làthair; agus nì gach neach a rinn tàir ort ùmhlachd gu buinn do chas; agus goiridh iad dhìot, Cathair an Tighearna, Sion Tì naomh Israeil.

Uime sin bidh iadsan uile a tha gad shlugadh, air an slugadh, agus thèid do naimhdean uile, gach aon dhiubh ann am braighdeanas: bidh iadsan a tha gad chreachadh nan creich, agus na h‑uile a tha a’ dèanamh cobhartaich dhìot, bheir mise gu bhith nan cobhartach.

Cuime an tig thugamsa tùis o Shèba, agus a’ chuilc chùbhraidh o dhùthaich fad as? Chan eil ur tabhartasan-loisgte taitneach, cha mhò a tha tlachd agamsa nur n‑ìobairtean.

Agus bha guth na muinntir a bha aig suaimhneas maille riu, agus mòr-chuideachd nam fear o Shaba, on fhàsach, a chuir làmh-fhailean air an làmhan, agus coronan maiseach air an cinn.

Their Sèba, agus Dedan, agus ceannaichean Tharsis, agus a chuid bhailtean, riut, A bheil thu air teachd a ghlacadh cobhartaich? An do chruinnich thu do chuideachd a ghlacadh creiche? A thoirt leat òir agus airgid; a thoirt air falbh sprèidhe agus maoin; a ghlacadh creiche mòire?

Cionnas a chuireadh a h‑aon ruaig air mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle air theicheadh, mura biodh an carraig air an reiceadh, agus mura biodh an Tighearna air an druideadh suas?

Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean a chreach iad, agus reic e iad do làimh an naimhdean mun cuairt, air chor is nach b’urrainn iad na b’fhaide seasamh an làthair an naimhdean.

Agus reic an Tighearna iad do làimh Iabin rìgh Chanàain, a rìghich ann an Hasor; agus b’e ceannard a shluaigh Sisera, a bha a chòmhnaidh ann an Haroset nan cinneach.

Agus thubhairt i, Gu cinnteach thèid mi leat: gidheadh cha bhi an turas a ghabhas tu a‑chum do chliù; oir do làimh mnà reicidh an Tighearna Sisera. Agus dh’èirich Deborah, agus chaidh i maille ri Barac gu Cedes.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan