Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 3:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Clann Iùdah fòs, agus clann Ierusaleim reic sibh ris na Greugaich, a‑chum gun atharraicheadh sibh iad am fad on crìch fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Iabhan, Tubal, agus Mesech, b’iadsan do cheannaichean: reic iad pearsannan dhaoine, agus soithichean umha ann ad mhargadh.

Agus thilg iad croinn airson mo shluaigh; agus thug iad giullan airson strìopaich, agus reic iad nìonag airson fìona, a‑chum gun òladh iad.

Agus reicidh mi ur mic agus ur nigheanan gu làimh chloinn Iùdah; agus reicidh iadsan iad ris na Sabèanaich, ri sluagh fad as; oir labhair an Tighearna e.

Agus bheir an Tighearna a‑rìs thu don Eiphit ann an longan, air an t‑slighe mun dubhairt mi riut, Chan fhaic thu a‑rìs i tuilleadh: agus an sin reicear sibh ri ur naimhdean mar thràillean agus mar bhan-tràillean, agus cha bhi neach ann gu ur ceannach.

Bheirear do mhic agus do nigheanan do shluagh eile, agus chì do shùilean, agus fàilnichidh iad le fadal air an son rè an là: agus cha bhi neart sam bith ad làimh.

Oir lùb mi dhomh fhèin Iùdah, lìon mi am bogha le Ephraim; agus togaidh mi suas do mhic-sa, O Shioin, an aghaidh do mhac-sa, O Ghrèig, agus nì mi thu mar chlaidheamh duine cumhachdaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan