Dùisgibh, a mhisgearan, agus guilibh; agus dèanaibh-se caoidh, uile phòitearan fìona, airson an fhìon-nuaidh, oir tha e air a ghearradh air falbh o ur beul.
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Israeil, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do reic iad am fìrean airson airgid, agus am bochd airson bhròg.
Anns an là anns an do sheas thu air an taobh eile, anns an là anns an tug na coimhich a shluagh ann am bruid, anns an deachaidh coigrich a‑steach air a gheatachan, agus anns an do thilg iad crannchur air Ierusalem, bha eadhon thusa mar aon dhiubh.
Gidheadh thugadh air falbh i, dh’imich i ann am braighdeanas; bha a clann òg fòs air am pronnadh nam bloighdean aig ceann nan uile shràidean; agus thilg iad croinn airson a daoine urramach, agus bha a daoine mòra gu lèir air an ceangal ann an slabhraidhean.
Agus canal, agus nithean deagh-fhàile, agus ola-ungaidh, agus tùis, agus fìon, agus ola, agus min mhìn, agus cruithneachd, agus ainmhidhean, agus caoraich, agus eich, agus carbadan, agus tràillean, agus anaman dhaoine.