Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 3:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gun cruinnich mi na h‑uile chinnich, agus bheir mi sìos iad gu gleann Iehosaphait, agus tagraidh mi riu an sin airson mo shluaigh, agus airson m’oighreachd Israel, a sgap iad am measg nan cinneach; agus roinn iad mo dhùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus air a’ cheathramh là chruinnicheadh iad an ceann a chèile ann an gleann Bherachah; oir an sin bheannaich iad an Tighearna: uime sin thugadh mar ainm air an àite sin gleann Bherachah, gus an là‑an‑diugh.

Oir le teine agus le a chlaidheamh tagraidh an Tighearna ris gach uile fheòil; agus bidh mòran air am marbhadh leis an Tighearna.

Oir is aithne dhòmhsa an gnìomharan, agus an innleachdan; thig mi a chruinneachadh nan uile chinneach agus theangannan ri chèile; agus thig iad, agus chì iad mo ghlòir.

Mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh m’uile dhroch choimhearsnach, a tha a’ cur dragha air an oighreachd a thug mise mar sheilbh dom shluagh Israel; feuch, spìonaidh mi iad a‑mach as am fearann, agus as am meadhon spìonaidh mi a‑mach taigh Iùdah.

Thig toirm gu iomallan na talmhainn, a chionn gu bheil còmhstri aig Dia ris na cinnich; tagraidh e ris gach uile fheòil: bheir e an dream a tha olc don chlaidheamh, deir an Tighearna.

Mu thimcheall nan Amonach. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Nach eil mic idir aig Israel? Nach eil oighre sam bith aige? Cuime a bheil sealbh aig Milcom air Gad, agus a shluagh a chòmhnaidh na bhailtean?

Is treud sgapte Israel; rinn leòmhainn a ruagadh; an toiseach, chaith rìgh Asiria suas e; agus mu dheireadh, dh’ith Nebuchadnesar seo, rìgh Bhàbiloin, gu ruig an cnàmh e.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gu bheil Mòab agus Seir ag ràdh, Feuch, tha taigh Iùdah cosmhail ris na h‑uile chinnich;

Chaidh mo chaoraich-sa air seachran air feadh nan uile bheann, agus air gach sliabh àrd: seadh, bha mo threud air a sgapadh air aghaidh na talmhainn uile, agus cha robh aon neach gan sireadh no gan iarraidh.

A chionn gun dubhairt thu, Bidh an dà chinneach seo agus an dà dhùthaich seo agamsa, agus sealbhaichidh sinn iad: ged bha an Tighearna an sin:

Mar an ceudna, a mhic an duine, dèan fàistneachd do shlèibhtean Israeil, agus abair, A shlèibhtean Israeil, cluinnibh facal an Tighearna:

Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gu deimhinn ann an teine m’eud labhair mi an aghaidh fuidheall nan cinneach, agus an aghaidh Idumèa uile, a ghabh mo dhùthaich-sa gu bhith na seilbh dhaibh, le gàirdeachas an uile chridhe, le inntinn aingidh, ga toirt thairis mar chreich.

Agus tagraidh mi na aghaidh le plàigh agus le fuil, agus frasaidh mi air fhèin, agus air a bhuidhnean, agus air a’ mhòr-shluagh a tha maille ris, frasan tuilteach, agus clachan-meallain mòra, teine agus pronnasg.

Agus tàrlaidh air an là sin gun toir mise do Ghog an sin àite airson uaighean ann an Israel, gleann an luchd-siubhail air taobh an ear na fairge; agus bacaidh e an luchd-siubhail: agus an sin adhlaicidh iad Gog agus a shluagh uile; agus goiridh iad ris, Gleann sluagh Ghog.

Dùisgeadh na cinnich, agus thigeadh iad a‑nìos gu gleann Iehosaphait: oir an sin suidhidh mise gu breith a thoirt air na cinnich uile mun cuairt.

Mòr-chuideachdan, mòr-chuideachdan, ann an gleann a’ ghearraidh; oir tha là an Tighearna dlùth ann an gleann a’ ghearraidh.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Airson trì lochdan Edoim, agus airson ceithir, cha till mi air falbh a pheanas; a chionn gun do ruaig e a bhràthair leis a’ chlaidheamh, agus gun do thilg e uaithe a h‑uile iochd, agus gun do reub a fhearg a‑ghnàth, agus gun do ghlèidh e a chorraich an còmhnaidh.

Ach chan aithne dhaibh seo smuaintean an Tighearna, cha mhò a thuigeas iad a chomhairle: oir nì e an cruinneachadh mar na sguaban a‑chum an ùrlair.

Uime sin feithibh-se riumsa, tha an Tighearna ag ràdh, gus an là anns an èirich mi suas a‑chum na creiche: oir is e mo rùn na cinnich a chruinneachadh, na rìoghachdan a tharraing ri chèile; a dhòrtadh orra mo chorraich, uile theas m’fheirge: oir loisgear an talamh gu h‑iomlan le teine m’eud-sa.

Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg-sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.

Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile-chumhachdaich.

Agus chruinnich iad iad ri chèile a‑chum ionaid ris an abrar anns an Eabhra, Armagedon.

Oir dhòirt iadsan fuil naomh agus fhàidhean, agus thug thusa dhaibh fuil ra h‑òl; oir is toillteanach iad.

Agus thèid e a‑mach a mhealladh nan cinneach, a tha ann an ceithir cheàrnan na talmhainn, Gog agus Magog, a‑chum an cruinneachadh gu cath; muinntir a tha ann an àireamh mar ghaineimh na fairge.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan