Fuaim mòr-chuideachd anns na slèibhtean amhail sluagh mòr; fuaim luasgadh rìoghachdan chinneach air an cruinneachadh le chèile; tha Tighearna nan sluagh a’ deasachadh feachd a‑chum catha.
Sèidibh-se an trompaid ann an Sion, agus èighibh caismeachd catha ann am shliabh naomh-sa: criothnaicheadh uile luchd-àiteachaidh na tìre; oir tha là an Tighearna a’ teachd, oir tha e am fagas.
Agus cuiridh an Tighearna a‑mach a ghuth fa chomhair a fheachd: oir tha a champ ro‑mhòr; oir is treun esan a thoirt gu buil a fhacail; oir tha là an Tighearna mòr agus ro‑uamhasach, agus cò a dh’fhaodas a fhulang?
Gun cruinnich mi na h‑uile chinnich, agus bheir mi sìos iad gu gleann Iehosaphait, agus tagraidh mi riu an sin airson mo shluaigh, agus airson m’oighreachd Israel, a sgap iad am measg nan cinneach; agus roinn iad mo dhùthaich.
Ach tha na nèamhan agus an talamh a tha a‑nis ann, leis an fhacal sin fhèin air an tasgadh suas, agus air an gleidheadh fa chomhair teine air cheann là a’ bhreitheanais, agus sgrios dhaoine an‑diadhaidh.