Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 2:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ruithidh iad air an aghaidh mar dhaoine cumhachdach; streapaidh iad am balla mar luchd-cogaidh; agus siùbhlaidh iad gach aon air a shlighe, agus cha bhris iad an òrdagh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treasa iad na leòmhainn.

Agus thubhairt Daibhidh air an là sin, Ge bè neach a ruigeas a’ chlais-uisge, agus a bhuaileas na h‑Iebusaich, agus na bacaich, agus na doill, air a bheil fuath aig anam Dhaibhidh, bidh esan na cheannard: uime sin thubhairt iad, Cha tig an dall agus am bacach a‑steach don taigh.

Agus de Aser, a mheud is a rachadh a‑mach gu cath, teòma ann an cogadh, dà‑fhichead mìle.

Brisidh e mi le briseadh air bhriseadh; ruithidh e orm mar churaidh.

Don ghrèin chuir e pàillean annta, agus tha i mar nuadh fhear-pòsda a’ teachd a‑mach as a sheòmar; nì i gàirdeachas mar ghaisgeach a’ ruith na rèise.

Chan eil rìgh aig na lòcaist, gidheadh imichidh iad a‑mach uile nam buidhnean.

Rachaibh-se suas air a ballachan, agus sgriosaibh; ach na dèanaibh crìoch iomlan: thugaibh air falbh a daingnichean, oir cha bhuin iad don Tighearna.

Cha mhò a theannaicheas aon air aon eile; coisichidh iad gach aon na cheum fhèin: agus ma thuiteas iad air a’ chlaidheamh, cha bhi iad air an leònadh.

Ruithidh iad air an ais agus air an aghaidh anns a’ bhaile: ruithidh iad air a’ bhalla: streapaidh iad suas do na taighean: thèid iad a‑steach air na h‑uinneagan mar mhèirleach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan