Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 2:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ron gnùis bidh geur-ghoimh air an t‑sluagh: tionailidh a h‑uile aghaidh dubhachas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Oir tha mi mar shearraig ann an deataich; gidheadh cha do dhìochuimhnich mi do reachdan.

Agus bidh iad fo uamhas; nì piantan agus guinean greim orra; mar mhnaoi ri saothair cràidhear iad; seallaidh iad gach aon air a chèile le iongantas; mar lasraichean teine bidh an aodainn.

Feòraichibh a‑nis, agus feuchaibh am beir fireannach leanabh? Cuime am faic mi gach duine agus a làmhan air a leasraidh, mar mhnaoi ri saothair, agus tha gach uile aghaidh air fàs bàn?

Airson leòn nighean mo shluaigh, tha mise air mo leòn; tha mi dubh-bhrònach; rinn uamhann mo ghlacadh.

Is duibhe an gnùis na gual; chan aithnichear iad anns na sràidean; tha an craiceann a’ leantainn rin cnàmhan; tha e air tiormachadh; tha e air fàs mar mhaide.

Tha i falamh, agus faoin, agus fàs, agus tha an cridhe a’ leaghadh, agus na glùinean a’ bualadh air a chèile; agus tha mòran cràidh anns na h‑uile leasraidh; agus tha an aghaidhean gu lèir a’ tional dorchadais.

Càit a bheil còmhnaidh nan leòmhann, agus àite-beathachaidh nan leòmhann òga? Far an do ghluais an leòmhann, an seann leòmhann, agus cuilean an leòmhainn, gun aon air bith a chur geilt orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan