Bidh an coslas mar choslas each; agus mar mharcaichean is amhlaidh a ruitheas iad.
Fuaim slait-sgiùrsaidh, agus torman faram nan rothan, agus nan each meamnach, agus nan carbad leumnach.
Agus bha cruth nan lòcast cosmhail ri eich air an ullachadh a‑chum catha; agus bha air an cinn mar gum biodh crùin cosmhail ri òr, agus bha an aghaidhean cosmhail ri aghaidhean dhaoine.
An sin bhruthadh iongannan nan each le leumnaich, leumnaich an aona cumhachdaich.