Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 2:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Romhpa tha teine ri sgrios, agus nan dèidh tha lasair a’ losgadh: tha am fearann mar ghàrradh Edein romhpa, agus nan dèidh na fhàsach uaigneach; seadh, cha bhi dol as aig aon nì uapa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmhnard Iòrdain uile, gu robh e gu lèir air uisgeachadh gu math, mun do sgrios an Tighearna Sòdom agus Gomorrah, eadhon mar ghàrradh an Tighearna, cosmhail ri talamh na h‑Eiphit, mar a thig thu gu Sòar.

Agus shuidhich an Tighearna Dia gàrradh ann an Eden, anns an àird an ear; agus chuir e an sin an duine a dhealbh e.

Thig ar Dia-ne, agus cha bhi e na thosd; ro a ghnùis lasaidh teine millteach, agus mun cuairt air bidh doineann mhòr.

Thèid teine roimhe, agus loisgidh e suas a naimhdean air gach taobh.

Oir chòmhdaich iad aghaidh na talmhainn uile, air chor is gun do dhorchaicheadh an talamh; agus dh’ith iad uile luibh na talmhainn, agus uile mheas nan craobh, a dh’fhàg a’ chlach-mheallain: agus cha d’fhàgadh nì sam bith glas anns na craobhan, no ann an luibhean na machrach ann an tìr na h‑Eiphit uile.

Agus còmhdaichidh iad aghaidh na talmhainn, air chor is nach urrainn neach an talamh fhaicinn: agus ithidh iad fuidheall an nì sin a thèid as, a dh’fhanas agaibh on chloich-mheallain, agus ithidh iad gach craobh a tha a’ fàs dhuibh as a’ mhachair.

A rinn an saoghal mar fhàsach, agus a leag sìos a bhailtean; nach d’fhosgail am prìosan da bhraighdean?

Oir bidh uisgeachan Nimrim nan lèirsgrios; oir tha an luibh air seargadh; tha am feur air teireachdainn; chan eil nì glas ann.

Agus cruinnichear ur creach mar a chruinnicheas am burras: mar shiubhal nan lòcast, thig e orra.

Oir bheir an Tighearna comhfhurtachd do Shion; bheir e comhfhurtachd da ionadan fàsail uile; agus nì e a fàsach mar Eden, agus a dìthreabh mar ghàrradh an Tighearna; gheibhear aoibhneas agus subhachas innte, breith-buidheachais agus fonn ciùil.

Oir loisgidh aingidheachd mar theine; ithidh i suas an dris agus an droigheann; agus cuiridh i ri theine badan na frìthe; agus èiridh iad an àird nan smùid a’ dol suas.

Trìd corraich Tighearna nan sluagh dhorchaicheadh an tìr; agus bidh an sluagh mar chonnadh airson an teine: cha dèan duine iochd air a bhràthair fhèin.

Agus caithidh iad d’fhogharadh agus d’aran; caithidh iad do mhic agus do nigheanan; caithidh iad do chaoraich agus do chrodh; caithidh iad d’fhìonainean agus do chroinn-fhìge; nì iad bochd leis a’ chlaidheamh na bailtean daingnichte anns an robh thu a’ cur do dhòchais.

Agus their iad, Tha an tìr seo a bha uaigneach air fàs mar ghàrradh Èdein; agus na cathraichean falamh, fàs, agus millte, tha iad air an daingneachadh, agus air an àiteachadh.

Mar seo thaisbein an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa; agus, feuch, ghairm an Tighearna Iehòbhah gu breitheanais le teine, agus loisg e an doimhne mhòr: agus shluig e suas earrann.

Oir feuch, dùisgidh mi suas na Caldèanaich, an cinneach searbh agus dian sin, a dh’imicheas tro leud an fhearainn, a ghabhail seilbh air na h‑àiteachan-còmhnaidh nach leo fhèin.

Ach sgap mi iad le cuairt-ghaoith, am measg nan uile chinneach nach b’aithne dhaibh: agus bha am fearann fàs nan dèidh, air chor is nach do shiubhail neach air bith troimhe, air ais no air aghaidh: agus rinn iad an tìr thaitneach na fàsach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan