Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 2:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus aithnichidh sibh gu bheil mise ann am meadhon Israeil, agus gur mi an Tighearna ur Dia, agus nach aon air bith eile: agus cha nàraichear am feasd mo shluagh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

31 Iomraidhean Croise  

Tha an Tighearna Dia ann ad mheadhon cumhachdach; nì e do thèarnadh; nì e gàirdeachas os do chionn le luathghair; gabhaidh e fois na ghràdh; nì e gàirdeachas os do chionn le seinn.

Is mi an Tighearna, agus chan eil ann ach mi; a‑mach uamsa chan eil Dia ann: crioslaichidh mi thu, agus thu aineolach orm.

Mar sin aithnichidh sibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha a chòmhnaidh ann an Sion, mo shliabh naomh: an sin bidh Ierusalem naomh, agus cha tèid coigrich troimhpe nas mò.

An sin aithnichidh iad gur mise Iehòbhah an Dia, a thug fa‑near iad a bhith air an toirt ann am bruid am measg nan cinneach: ach chruinnich mi iad a‑chum an dùthcha fhèin, agus cha d’fhàg mi aon dhiubh nas mò an sin.

Agus ithidh sibh ann am pailteas, agus bidh sibh sàthach, agus cliùthaichidh sibh ainm an Tighearna ur Dia, a bhuin ribh gu h‑iongantach: agus cha nàraichear am feasd mo shluagh-sa.

Tha Dia na meadhon; cha ghluaisear i; cuidichidh Dia leatha gu moch air mhadainn.

Oir tha an Tighearna do Dhia ag imeachd am meadhon do champa, a‑chum do shaoradh, agus a‑chum do naimhdean a thoirt thairis romhad: uime sin bidh do champ naomh, a‑chum nach faic e nì sam bith neòghlan annad, agus nach till e air falbh uat.

Eigh gu h‑àrd, agus dèan iolach, a bhean-àiteachaidh Shioin; oir is mòr ann ad mheadhon Tì naomh Israeil.

Agus chuala mi guth mòr à nèamh ag ràdh, Feuch, tha pàillean Dhè maille ri daoine, agus nì esan còmhnaidh maille riu, agus bidh iadsan nan sluagh dha, agus bidh Dia fhèin maille riu, agus na Dhia dhaibh.

Uime sin tha seo mar an ceudna air a chur sìos anns an sgriobtar, Feuch, cuiridh mi ann an Sion prìomh chlach-oisne thaghte, luachmhor: agus an tì a chreideas ann, cha chuirear gu nàire e.

Chaidh thu suas air ionad àrd, thug thu bruid ann am braighdeanas; thug thu tìodhlacan do dhaoine, seadh, eadhon do dhaoine ceannairceach, a‑chum gun gabhadh an Tighearna còmhnaidh nam measg.

Agus ciod a’ cho-rèite a tha aig teampall Dhè ri iodhalan? Oir is sibhse teampall an Dè bheò; a rèir mar a thubhairt Dia, Gabhaidh mise còmhnaidh annta, agus gluaisidh mi nam measg; agus bidh mise am Dhia acasan, agus bidh iadsan nan sluagh agamsa.

Mar sin aithnichidh taigh Israeil gur mise an Tighearna an Dia on là sin, agus uaithe sin a‑mach.

Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.

Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.

Na biodh eagal oirbh, agus na biodh geilt oirbh; nach d’fhoillsich mise dhut on àm ud, agus nach d’innis mi? Seadh, is fianaisean sibh dhomh. A bheil dia ann ach mise? Seadh chan eil dia eile ann; chan aithne dhomh aon.

A-chum gum bi fhios aca o èirigh na grèine agus on iar, nach eil ann ach mi. Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.

Agus bidh rìghrean nan oideachan-altraim dhut, agus am bànrighinnean nam màthraichean-altraim dhut; sleuchdaidh iad sìos dhut, len aghaidh ris an làr, agus imlichidh iad duslach do chas; agus aithnichidh tu gur mise an Tighearna, agus cha nàraichear iadsan a chuireas an dòchas annamsa.

Agus cuiridh mi fèithean oirbh, agus bheir mi air feòil fàs oirbh, agus còmhdaichidh mi sibh le craiceann, agus cuiridh mi anail annaibh; agus bidh sibh beò, agus aithnichidh sibh gur mi an Tighearna.

Agus glanaidh mise am fuil-san nach do ghlan mi; agus gabhaidh an Tighearna còmhnaidh ann an Sion.

Anns an là sin cha nàraichear thu airson d’uile dhèanadais, leis an do chiontaich thu ann am aghaidh-sa; oir an sin bheir mi air falbh as do mheadhon iadsan a tha ri gàirdeachas ann ad uabhar; agus chan àrdaich thu nas mò thu fhèin ann am shliabh naomh-sa.

Agus thubhairt Maois ris, A bheil farmad ort air mo shon-sa? Is e mo ghuidhe ri Dia gum biodh sluagh an Tighearna uile nam fàidhean, agus gun cuireadh an Tighearna a spiorad orra!

Cha tug e fa‑near euceart ann an Iàcob, agus chan fhaca e cealg ann an Israel: tha an Tighearna a Dhia leis, agus caithream rìgh nam measg.

Tillibh rim achmhasan: feuch, dòirtidh mi a‑mach mo spiorad oirbh; nì mi aithnichte mo bhriathran dhuibh.

Oir dòirtidh mi a‑mach uisge air an tartmhor, agus sruthan air an fhearann chruaidh; dòirtidh mi a‑mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil.

Cuimhnichibh na ciad nithean, a bha ann o shean; oir is mise Dia, agus chan eil atharrachadh ann; is mise Dia agus chan eil mo shamhail ann;

Cha mhò a dh’fhalaicheas mi tuilleadh mo ghnùis uapa: oir dhòirt mi a‑mach mo Spiorad air taigh Israeil, deir an Tighearna Iehòbhah.

Oir feuch, crathaidh mise mo làmh orra, agus bidh iad nan cobhartaich dan tràillean: agus aithnichidh sibhse gun do chuir Tighearna nan sluagh fios leamsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan