Ioel 2:26Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus ithidh sibh ann am pailteas, agus bidh sibh sàthach, agus cliùthaichidh sibh ainm an Tighearna ur Dia, a bhuin ribh gu h‑iongantach: agus cha nàraichear am feasd mo shluagh-sa. Faic an caibideil |
Agus ghlac iad bailtean daingnichte, agus talamh reamhar, agus shealbhaich iad taighean làn de gach nì math, tobraichean cladhaichte, fìonliosan agus liosan-ola, agus craobhan-meas ann am pailteas: agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad, agus dh’fhàs iad reamhar, agus bha toil-inntinn aca ann ad mhòr-mhaitheas-sa.
Ach an làthair an Tighearna do Dhia ithidh tu iad anns an àit a thaghas an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan: agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia anns gach nì ris an cuir thu do làmhan.