Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 2:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Thubhairt e na chridhe, Cha ghluaisear mi; gu bràth cha bhi mi ann an àmhghar.

Tha neòil agus dorchadas ma thimcheall; is iad ceartas agus breitheanas àite-còmhnaidh a rìgh-chathrach.

Agus chaidh na lòcaist suas thar tìr na h‑Eiphit uile, agus dh’fhan iad ann an crìochan na h‑Eiphit uile, gu ro‑dhiùbhalach; romhpa cha robh riamh an leithidean de lòcaist, agus nan dèidh cha bhi an leithidean.

Agus lìonaidh iad do thaighean, agus taighean do sheirbhiseach uile, agus taighean nan Eiphiteach uile; nì nach faca aon chuid d’athraichean, no athraichean d’athraichean, on là a bha iad air an talamh gus an là‑an‑diugh. Agus thill e e fhèin, agus chaidh e a‑mach o Phàraoh.

Agus sheas an sluagh fada o làimh, agus thàinig Maois am fagas don dorchadas, far an robh Dia.

Agus anns an là sin beucaidh iad nan aghaidh, mar bheucaich na fairge; agus seallaidh iad air an talamh, agus, feuch, dorchadas agus teanntachd; agus bidh an solas air a dhorchachadh anns na speuran.

Agus seallaidh e air an talamh, agus feuch teanntachd agus doilleireachd; dubhar an àmhghair, agus tiugh-dhorchadas.

Thugaibh-se glòir don Tighearna ur Dia, mun tig an dorchadas, agus mun tuislich ur casan air slèibhtean na doilleireachd; an sin, nuair a bhios ur sùil ri solas, caochlar e gu sgàil a’ bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh.

Agus thàrladh, an dèidh mòran làithean, gun dubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich gu Euphràtes, agus thoir as a sin an crios a dh’àithn mise dhut fhalach anns an àite sin.

O sibhse uile a tha a’ gabhail an rathaid, amhaircibh agus faicibh a bheil bròn sam bith cosmhail rim bhròn-sa a thugadh orm, on uair anns an do rinn an Tighearna mo smachdachadh ann an là a dhian-fheirge.

Agus nuair a chuireas mi as thu, falaichidh mi na nèamhan, agus nì mi an reultan dorcha: còmhdaichidh mi a’ ghrian le neul, agus cha toir a’ ghealach seachad a solas.

Amhail a lorgas aodhair a‑mach a threud, anns an là anns am bi e am measg a chaorach a chaidh a sgapadh; mar sin iarraidh mise mo chaoraich fhèin, agus saoraidh mi iad as a h‑uile àite gus an robh iad air an sgànradh, anns an là neulach agus dhorcha.

Èiridh tu suas, agus thig thu mar dhoininn, bidh tu cosmhail ri neul a dh’fhalach an fhearainn, thu fhèin agus d’uile bhuidhnean, agus mòran sluaigh maille riut.

Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar.

Agus dhaingnich e a bhriathran a labhair e nar n‑aghaidh, agus an aghaidh ar britheamhan a thug breith oirnn, le dòrainn mhòr a thoirt oirnn; oir fo nèamh uile cha do rinneadh mar a rinneadh air Ierusalem.

Oir tha cinneach air teachd a‑nìos air m’fhearann-sa, treun, agus thar àireamh; is fiaclan leòmhainn am fiaclan; agus tha fiaclan-carbaid leòmhainn bhoirinn aca.

Agus aisigidh mise dhuibh na bliadhnachan a dh’ith an lòcast, a’ chnàmh-bheist, am burras, a’ phailm-chnuimh, m’fheachd mòr, a chuir mi nur measg.

Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus uamhasach an Tighearna.

Mar fharam charbad air mhullach nam beann leumaidh iad; mar thoirm lasair theine a loisgeas an asbhuain: mar shluagh làidir air an cur an òrdagh catha.

Seadh, agus ciod ur gnothach-se riumsa, O Thìruis, agus a Shìdoin, agus uile chrìochan Phalistin? An dìol sibh rium luigheachd? A‑nis ma bheir sibh dhomh luigheachd, gu luath, gu grad dìolaidh mi ur luigheachd air ur ceann fhèin;

Oir feuch, esan a dhealbhas na slèibhtean, agus a chruthaicheas a’ ghaoth, agus a dh’fhoillsicheas do dhuine ciod as smuaintean dha; esan a nì a’ mhadainn na dorchadas, agus a shaltras air ionadan àrda na talmhainn, Iehòbhah, Dia nan sluagh, is e a ainm.

Bithibh tosdach an làthair an Tighearna Iehòbhah, oir tha là an Tighearna dlùth; oir dh’ullaich an Tighearna ìobairt, ghairm e a aoidhean.

Agus tàrlaidh anns an là sin nach bi solas soilleir agus dorchadas ann;

Oir anns an àm sin bidh àmhghar mòr ann, amhail nach robh ann o thùs an domhain gus a‑nis, agus nach mò a bhios a‑chaoidh.

Oir bidh àmhghar anns na làithean sin, amhail nach robh a leithid ann o thoiseach na cruitheachd a chruthaich Dia gus a‑nis, agus nach mò a bhios.

Cuimhnich na làithean o chian, thoir fa‑near bliadhnachan nan iomadh ginealach: fiosraich ded athair, agus nochdaidh e dhut; ded sheanairean agus innsidh iad dhut.

Oir cha tàinig sibh a‑chum an t‑slèibh ris am faodte beantainn, agus a bha a’ losgadh le teine, no a‑chum duibhre, agus dorchadais, agus doininn,

Garbh-thonnan na fairge, a sgeitheas an nàire fhèin mar chobhar; reultan seachranach, dom bheil duibhre an dorchadais gu sìorraidh air a thasgadh.

Agus dh’fhosgail e sloc an dubh-aigein, agus dh’èirich deatach as an t‑sloc, mar dheataich àmhainn mhòir theinntich; agus rinneadh a’ ghrian agus an t‑adhar dorcha le deataich an t‑sluic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan