Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 2:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sèidibh-se an trompaid ann an Sion, agus èighibh caismeachd catha ann am shliabh naomh-sa: criothnaicheadh uile luchd-àiteachaidh na tìre; oir tha là an Tighearna a’ teachd, oir tha e am fagas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

53 Iomraidhean Croise  

Mar seo thug Israel uile suas àirc coicheangal an Tighearna le iolaich, agus le fuaim a’ bhuabhaill, agus le trompaidean, agus le ciombalan, a’ dèanamh co‑sheirm le saltairean agus clàrsaichean.

Chriothnaich m’fheòil le uamhann romhad, agus bha eagal orm rod bhreitheanais.

Tha a bhunait anns na beanntan naomha.

Agus chaidh na lòcaist suas thar tìr na h‑Eiphit uile, agus dh’fhan iad ann an crìochan na h‑Eiphit uile, gu ro‑dhiùbhalach; romhpa cha robh riamh an leithidean de lòcaist, agus nan dèidh cha bhi an leithidean.

Guilibh gu h‑àrd, oir tha là an Tighearna dlùth; mar lèirsgrios on Uile-chumhachdach thig e.

Feuch, tha là an Tighearna a’ teachd, garg le feirg agus le dian-chorraich, a chur na tìre fàs, agus a sgrios nan ciontach a‑mach aisde.

Oir thig là Tighearna nan sluagh air gach neach a tha uaibhreach agus àrd, agus air gach neach a tha air a thogail suas, agus leagar sìos e;

Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad, agus a chriothnaicheas rom fhacal.

Cluinnibh-se facal an Tighearna, sibhse a tha a’ criothnachadh ro a fhacal; ur bràithrean a tha a’ toirt fuath dhuibh, a thilg a‑mach sibh air sgàth m’ainme-sa, their iad, Biodh an Tighearna air a ghlòrachadh; ach foillsichear e a‑chum aoibhneis dhuibhse, agus cuirear iadsan gu amhluadh.

Agus tàrlaidh, nuair a dh’innseas tu don t‑sluagh seo na nithean seo uile, agus a their iad riut, Carson a labhair an Tighearna nar n‑aghaidh an t‑olc mòr seo uile? Agus ciod i ar n‑aingidheachd, agus ciod e ar lochd, a chuir sinn an gnìomh an aghaidh an Tighearna ar Dia?

Agus cha bhris daoine aran nam measg ri àm bròin, a‑chum comhfhurtachd a thoirt dhaibh airson neach a fhuair bàs; cha mhò a bheirear dhaibh deoch à cupan na comhfhurtachd, airson athair neach, no airson a mhàthar.

Cuiribh-se an cèill ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem dèanaibh follais, agus abraibh, Sèidibh an trompaid anns an tìr; èighibh gu h‑àrd agus abraibh, Cruinnichibh ri chèile, agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte.

Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?

Innis dhaibh uime sin, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bheir mise air a’ ghnàth-fhacal seo sgur, agus cha labhair iad e nas fhaide mar ghnàth-fhacal ann an Israel: ach abair riu, Tha na làithean aig làimh, agus buil gach aon taisbeanaidh.

Eigh agus nuallaich, a mhic an duine, oir bidh e air mo shluagh-sa, air uile mhòr-uaislean Israeil: bidh uamhasan, a‑thaobh a’ chlaidheimh, air mo shluagh: buail, uime sin, air do leis.

Oir tha an là dlùth, eadhon là an Tighearna dlùth, là neulach, àm nan cinneach a bhios ann.

Ma shèideas e an trompaid nuair a chì e an claidheamh a’ teachd air an fhearann, agus ma bheir e rabhadh don t‑sluagh;

Ach ma chì am fear-faire an claidheamh a’ teachd, agus nach sèid e an trompaid, agus nach faigh an sluagh rabhadh ma thig an claidheamh, agus gun toir e aon neach air falbh uapa, tha e air a thoirt air falbh na aingidheachd: ach iarraidh mise a fhuil air làimh an fhir-fhaire.

Feuch an là, feuch, thàinig e; chaidh a’ mhadainn a‑mach, thàinig blàth air an t‑slait, ùr‑fhàs air an uabhar.

Thàinig an t‑àm, tha an là a’ teachd am fagas; na dèanadh am fear-reice gàirdeachas, no am fear-ceannaich bròn: oir thuit fearg air a mòr-chuideachd uile.

Tha mise a’ toirt òrdaigh, anns gach uile thighearnas dem rìoghachd, gum bi crith agus eagal air daoine ro Dhia Dhanieil: oir is esan an Dia beò agus bunaiteach gu bràth, agus a rìoghachd-san cha sgriosar a‑chaoidh, agus a uachdaranachd tha gus a’ chrìoch.

O Thighearna, a rèir d’uile fhìreantachd, guidheam ort, leig led chorraich agus led fheirg tilleadh air falbh od chathair Ierusalem, do shliabh naomh: a chionn, airson ar lochdan, agus airson aingidheachdan ar n‑athraichean, gu bheil Ierusalem agus do shluagh nam masladh do na h‑uile mun cuairt dhuinn.

Agus am feadh a bha mi a’ labhairt, agus ri ùrnaigh, agus ag aideachadh mo lochdan, agus lochdan mo shluaigh Israeil, agus a’ taisbeanadh m’athchuinge an làthair an Tighearna mo Dhia, airson sliabh naomh mo Dhè:

Sèidibh-se an trompaid ann an Gibeah, am buabhall ann an Ramah: èighibh caismeachd chatha ann am Bet-abhen: an nàmhaid air do thòir, O Bheniàmin!

An trompaid rid bheul! Mar iolair an aghaidh taigh an Tighearna thig e: a chionn gun do bhris iad mo choicheangal-sa, agus gun do chiontaich iad an aghaidh mo reachd.

Och airson an là! Oir tha là an Tighearna dlùth, agus mar lèirsgrios on Uile-chumhachdach thig e.

Agus cuiridh an Tighearna a‑mach a ghuth fa chomhair a fheachd: oir tha a champ ro‑mhòr; oir is treun esan a thoirt gu buil a fhacail; oir tha là an Tighearna mòr agus ro‑uamhasach, agus cò a dh’fhaodas a fhulang?

Sèidibh an trompaid ann an Sion, naomhaichibh trasg, gairmibh là toirmisg.

Iompaichear a’ ghrian gu dorchadas, agus a’ ghealach gu fuil, mun tig là mòr agus uamhasach an Tighearna.

Mòr-chuideachdan, mòr-chuideachdan, ann an gleann a’ ghearraidh; oir tha là an Tighearna dlùth ann an gleann a’ ghearraidh.

Mar sin aithnichidh sibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha a chòmhnaidh ann an Sion, mo shliabh naomh: an sin bidh Ierusalem naomh, agus cha tèid coigrich troimhpe nas mò.

An sèidear an trompaid ann am baile, agus gun eagal a bhith air an t‑sluagh? Am bi dòrainn ann am baile, agus nach e an Tighearna a chuir ann e?

Is truagh dhuibhse a tha ag iarraidh là an Tighearna. Ciod e sin dhuibhse là an Tighearna? Dorchadas agus chan e solas.

Agus thubhairt e, Ciod a tha thu a’ faicinn, Amois? Agus thubhairt mise, Cliabh de mheas samhraidh. An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha a’ chrìoch air teachd air mo shluagh-sa Israel; cha ghabh mise seachad orra nas mò.

Oir tha là an Tighearna dlùth air na h‑uile chinnich: mar a rinn thusa, nìthear riut: tillidh do luigheachd air do cheann fhèin.

Tha là mòr an Tighearna dlùth, tha e dlùth, agus a’ deifreachadh gu mòr: tha guth là an Tighearna searbh: guilidh an sin an cumhachdach.

Là trompaid agus iolaich an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus an aghaidh nan tùr àrda.

Bithibh tosdach an làthair an Tighearna Iehòbhah, oir tha là an Tighearna dlùth; oir dh’ullaich an Tighearna ìobairt, ghairm e a aoidhean.

Anns an là sin cha nàraichear thu airson d’uile dhèanadais, leis an do chiontaich thu ann am aghaidh-sa; oir an sin bheir mi air falbh as do mheadhon iadsan a tha ri gàirdeachas ann ad uabhar; agus chan àrdaich thu nas mò thu fhèin ann am shliabh naomh-sa.

Feuch, tha là an Tighearna a’ teachd, agus roinnear do chreach ann ad mheadhon.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thill mise gu Sion, agus gabhaidh mi còmhnaidh ann an Ierusalem; agus goirear ri Ierusalem, Baile fìrinn, agus ri sliabh Tighearna nan sluagh, Sliabh naomh.

Oir feuch, tha an là a’ teachd, a loisgeas mar àmhainn; agus bidh na h‑uaibhrich uile, seadh, gach neach a tha ri aingidheachd, mar asbhuain: agus loisgidh an là a tha a’ teachd suas iad, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; oir chan fhàg e bun no bàrr dhiubh.

Dèan dhut fhèin dà thrompaid airgid; a dh’aon mhìr nì thu iad; agus gnàthaichidh tu iad a ghairm a’ choitheanail, agus a‑chum turas nan camp.

Agus nuair a shèideas iad leo, cruinnichidh an coitheanal uile iad fhèin ad ionnsaigh aig doras pàillean a’ choitheanail.

Oir ma bheir a’ ghall-tromp fuaim neo-chinnteach uaipe, cò a dh’ullaicheas e fhèin a‑chum a’ chatha?

Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair-sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn-obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball-chrith:

Oir tha sàr fhios agaibh fhèin gun tig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche.

Bithibh-se foighidinneach mar an ceudna; socraichibh ur cridheachan: oir tha teachd an Tighearna am fagas.

Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.

Oir thàinig là mòr a fheirge-san; agus cò a dh’fhaodas seasamh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan