Ach dar taobh-ne, is e an Tighearna ar Dia, agus cha do thrèig sinn e: agus is iad mic Aaroin na sagartan a tha a’ frithealadh don Tighearna, agus tha na Lèbhithich a’ feitheamh air an obair fhèin;
Agus gabh ad ionnsaigh Aaron do bhràthair, agus a mhic maille ris, o mheasg chloinn Israeil, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt, eadhon Aaron, Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar, mic Aaroin.
Ach goirear dhibhse Sagartan an Tighearna; Luchd-frithealaidh ar Dè‑ne theirear ribh; saoibhreas nan cinneach ithidh sibh, agus nan glòir nì sibh uaill.
Airson nan nithean seo guilidh mi; tha mo shùil, mo shùil a’ sileadh sìos le uisge; a chionn gu bheil am fear-comhfhurtachd, a bheireadh fuasgladh dom anam, fada uam: tha mo chlann uaigneach, a chionn gun tug an nàmhaid buaidh.
Tha ròidean Shioin ri bròn, a chionn nach eil aon neach a’ teachd a‑chum na h‑àrd-fhèille; tha a geatachan uile fàs; tha a sagartan ag acain; tha a h‑òighean fo leòn, agus tha i fhèin ann an searbhadas.
Chan ìobair iad tabhartasan-fìona don Tighearna, cha mhò a bhios iad taitneach dha: bidh an ìobairtean dhaibh mar aran luchd-bròin; bidh iadsan uile a dh’itheas dheth air an salachadh; gu dearbh cha tig an aran airson an anama gu taigh an Tighearna.
Crioslaichibh sibh fhèin le aodach-saic, agus tuiribh, O shagartan: dèanaibh ulartaich, a luchd-frithealaidh na h‑altarach: thigibh, laighibh fad na h‑oidhche ann an aodach-saic, òglacha mo Dhè: oir tha an tabhartas-bìdh agus an tabhartas-dibhe, air a chumail air ais o thaigh ar Dè.
Cò aig a bheil fios nach till, agus nach gabh e aithreachas, agus nach fàg e beannachd na dhèidh, tabhartas-bìdh, agus tabhartas-dibhe, don Tighearna ur Dia?
Dèanadh na sagartan, seirbhisich an Tighearna, gul eadar an sgàth-thaigh agus an altair, agus abradh iad, Coigil, O Thighearna, do shluagh, agus na toir d’oighreachd thairis gu masladh: a‑chum gun riaghladh na cinnich os an cionn: cuime an abradh iad am measg nan cinneach, Càit a bheil an Dia?