Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 1:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dèan caoidh mar òigh crioslaichte le aodach-saic airson cèile a h‑òige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

A thrèigeas oide-ionnsachaidh a h‑òige, agus a dhìochuimhnicheas coicheangal a Dè:

Agus anns an là sin ghairm Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, gu gul, agus gu caoidh, agus gu maoile, agus gu crioslachadh le aodach-saic:

Criothnaichibh, sibhse a tha suaimhneach; bithibh gun fhios, sibhse a tha gun umhail; cuiribh dhibh, rùisgibh sibh fhèin agus crioslaichibh ur leasraidh le aodach-saic.

Nach gairm thu ormsa on uair seo, ag ràdh, M’athair, bu tusa fear-stiùraidh m’òige?

Tha ròidean Shioin ri bròn, a chionn nach eil aon neach a’ teachd a‑chum na h‑àrd-fhèille; tha a geatachan uile fàs; tha a sagartan ag acain; tha a h‑òighean fo leòn, agus tha i fhèin ann an searbhadas.

Agus tionndaidhidh mi ur fèillean gu bròn, agus ur n‑òrain uile gu tuireadh; agus bheir mi air na h‑uile leasraidh aodach-saic, agus air gach aon cheann maoile, agus nì mi e mar chumha airson aon mhic, agus a chrìoch mar là searbh.

Agus nach do rinn e aon fheòil dhiubh? Agus tha fuidheall an spioraid aige. Agus ciod a tha esan ag iarraidh? Sliochd diadhaidh. Uime sin, biodh faiceall agaibh air ur spiorad, agus na buineadh neach air bith gu fealltach an aghaidh bean a òige.

Imichibh a‑nis, a dhaoine saoibhir, dèanaibh gul agus caoidh airson ur n‑àmhghair a tha a’ teachd oirbh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan