Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 1:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’fhàg iad m’fhìonain-sa na fàsach, agus rùisg iad mo chrann-fìge; rùisg iad e gu buileach, agus thilg iad air falbh e; tha a gheugan air an dèanamh geal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus bhuail e an croinn-fhìona agus an croinn-fhìge; agus bhris e craobhan nan crìoch.

Agus chaidh na lòcaist suas thar tìr na h‑Eiphit uile, agus dh’fhan iad ann an crìochan na h‑Eiphit uile, gu ro‑dhiùbhalach; romhpa cha robh riamh an leithidean de lòcaist, agus nan dèidh cha bhi an leithidean.

Oir chòmhdaich iad aghaidh na talmhainn uile, air chor is gun do dhorchaicheadh an talamh; agus dh’ith iad uile luibh na talmhainn, agus uile mheas nan craobh, a dh’fhàg a’ chlach-mheallain: agus cha d’fhàgadh nì sam bith glas anns na craobhan, no ann an luibhean na machrach ann an tìr na h‑Eiphit uile.

Tha am fìon nuadh ri caoidh, tha an fhìonain lag, tha luchd a’ chridhe aoibhinn uile ag osnaich.

Nì iad caoidh airson nan cìoch, airson nam machraichean taitneach, airson na fìonain torraich.

Agus cuiridh mi fàs e; cha sgathar e, agus cha ruamhairear e; ach fàsaidh an dris agus an droigheann ann; agus bheir mi àithne do na neòil nach fras iad uisge air.

Nì mise gu buileach an sgrios, deir an Tighearna; cha bhi fìondhearc air an fhìonain, no fìgean air a’ chrann-fhìge; seargaidh eadhon an duilleach; agus na nithean a thug mise dhaibh siùbhlaidh uapa.

Agus millidh mi a fìonain agus a crann-fìge, mun dubhairt i, Is iad seo mo dhuais a fhuair mi om luchd-gaoil: agus nì mi frìth dhiubh, agus ithidh beathaichean na machrach iad.

Tha an fhìonain air tiormachadh suas, agus an crann-fìge air seargadh; tha am pomgranat, an crann-pailme fòs agus an crann-ubhall, eadhon uile chraobhan na machrach, air seargadh: gu deimhinn shearg aoibhneas air falbh o chloinn nan daoine.

Bhuail mi sibh le seargadh agus le crith-reodha; nuair a dh’fhàs ur gàrraidhean agus ur fìonliosan, ur croinn-fhìge, agus ur croinn-ola, dh’ith a’ phailm-chnuimh iad: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.

Ged nach toir an crann-fìge uaithe blàth, agus ged nach fàs air an fhìonain cinneas; ged fhàilnich meas a’ chroinn-ola, agus ged nach toir na machraichean uapa lòn; ged ghearrar an treud as on mhainnir, agus ged nach bi buar air bith anns na buailtean:

Agus cronaichidh mi am milltear air ur sgàth-se, agus cha mhill e toradh ur fearainn, cha mhò a thilgeas ur fìonain a meas an‑abaich anns an fhaiche, deir Tighearna nan sluagh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan