Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha cinneach air teachd a‑nìos air m’fhearann-sa, treun, agus thar àireamh; is fiaclan leòmhainn am fiaclan; agus tha fiaclan-carbaid leòmhainn bhoirinn aca.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Fearann beartach nì e fàs airson aingidheachd a luchd-àiteachaidh.

Tha ginealach ann aig a bheil am fiaclan mar chlaidheamhan, agus am fiaclan-cùil mar sgeanan, a dh’ithe suas nan truaghan on talamh, agus nam feumach o mheasg dhaoine.

Thig an droigheann agus an dris a‑nìos thar fearann mo shluaigh; seadh thar nan uile thaighean aoibhneach anns a’ bhaile luathghaireach.

Agus gabhaidh e roimhe air feadh Iùdah, a’ ruith thairis agus a’ sgaoileadh; eadhon gus am muineal ruigidh e; agus lìonaidh sgaoileadh a sgiathan leud do thìre-sa, O Imanueil.

Cha ghabh iad còmhnaidh ann am fearann an Tighearna: ach tillidh Ephraim don Eiphit: agus ann an Asiria ithidh iad nithean neòghlan.

Agus aisigidh mise dhuibh na bliadhnachan a dh’ith an lòcast, a’ chnàmh-bheist, am burras, a’ phailm-chnuimh, m’fheachd mòr, a chuir mi nur measg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan