Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 1:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An nì sin a dh’fhàg a’ phailm-chnuimh, dh’ith an lòcast; agus an nì a dh’fhàg an lòcast, dh’ith a’ chnàmh-bheist; agus an nì sin a dh’fhàg a’ chnàmh-bheist, dh’ith am burras.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Ma bhios gorta anns an tìr, ma bhios plàigh ann, seargadh, fuar-dhealt, lòcaist, ma bhios burrais ann; ma theannaicheas a nàmhaid e ann an tìr a bhailtean, ciod air bith plàigh, ciod air bith easlaint a bhios ann;

Nuair a bhios gorta anns an tìr, nuair a bhios plàigh ann, nuair a bhios seargadh ann, no fuar-dhealt, lòcast, no burrais; nuair a theannaicheas a nàmhaid e ann an tìr a bhailtean, ciod air bith plàigh, agus ciod air bith easlaint a bhios ann;

Ma dhruideas mi na nèamhan, agus nach bi uisge ann, no ma dh’àithneas mi do na lòcaist am fearann ithe suas, no ma chuireas mi plàigh am measg mo shluaigh;

Labhair e, agus thàinig lòcaist agus burrais, agus sin gun àireamh.

A thug e an toradh don bhurras, agus an saothair don lòcast;

Ach ma dhiùltas tu leigeadh lem shluagh imeachd, feuch, bheir mise a‑màireach na lòcaist a‑steach dod chrìochan:

Agus còmhdaichidh iad aghaidh na talmhainn, air chor is nach urrainn neach an talamh fhaicinn: agus ithidh iad fuidheall an nì sin a thèid as, a dh’fhanas agaibh on chloich-mheallain, agus ithidh iad gach craobh a tha a’ fàs dhuibh as a’ mhachair.

Agus cruinnichear ur creach mar a chruinnicheas am burras: mar shiubhal nan lòcast, thig e orra.

Thug Tighearna nan sluagh mionnan air fhèin, ag ràdh, Gu deimhinn lìonaidh mi thu le daoine mar gum b’ann le lòcaist, agus togaidh iad suas iolach ann ad aghaidh.

Cuiribh suas bratach anns an fhearann, sèidibh an trompaid am measg nan cinneach, deasaichibh na h‑aghaidh cinnich, gairmibh an ceann a chèile na h‑aghaidh rìoghachdan, Ararat, Mini, agus Aschenas; sònraichibh ceann-feadhna na h‑aghaidh; thugaibh air na h‑eich teachd a‑nìos mar na lòcaist fhriodhanach.

Agus aisigidh mise dhuibh na bliadhnachan a dh’ith an lòcast, a’ chnàmh-bheist, am burras, a’ phailm-chnuimh, m’fheachd mòr, a chuir mi nur measg.

Bhuail mi sibh le seargadh agus le crith-reodha; nuair a dh’fhàs ur gàrraidhean agus ur fìonliosan, ur croinn-fhìge, agus ur croinn-ola, dh’ith a’ phailm-chnuimh iad: gidheadh cha do thill sibh riumsa, deir an Tighearna.

Mar seo thaisbein an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa, agus, feuch, dhealbh e lòcaist ann an toiseach teachd a‑nìos an fhàis mu dheireadh; agus, feuch, b’e sin am fàs deireannach, an dèidh buan an rìgh.

Agus cronaichidh mi am milltear air ur sgàth-se, agus cha mhill e toradh ur fearainn, cha mhò a thilgeas ur fìonain a meas an‑abaich anns an fhaiche, deir Tighearna nan sluagh.

Bheir thu mòran sìl a‑mach don fhearann, ach is beag a chruinnicheas tu a‑steach: oir ithidh an lòcast suas e.

Do chraobhan uile agus toradh d’fhearainn, millidh an lòcast.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan