Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 1:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cluinnibh-se seo, a sheann daoine; agus thugaibh-se fa‑near, uile luchd-àiteachaidh na tìre: an robh seo nur làithean-se, no an làithean ur n‑athraichean?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Anns na h‑aosda tha gliocas; agus ann am fad làithean tuigse.

Tha araon an ceann-liath agus an t‑aosmhor nar measg-ne nas sine gu mòr na d’athair.

Carson a tha na h‑aingidh beò, a dh’fhàsas iad sean, agus a bhios iad àrd ann an cumhachd?

Oir fiosraich, guidheam ort, den linn roimhe, agus deasaich thu fhèin a‑chum rannsachadh an athraichean:

Cluinnibh seo, a shlòigh uile, èisdibh, sibhse uile luchd-àiteachaidh an domhain,

Dlùthaichibh, a chinneacha, a‑chum èisdeachd; agus thugaibh aire, O fhineachan: èisdeadh an talamh agus a làn, an saoghal agus na h‑uile a tha a’ teachd a‑mach uaithe.

Bheir an Tighearna ortsa, agus air do shluagh, agus air taigh d’athar, làithean nach robh an leithidean ann on là anns an do dhealaich Ephraim ri Iùdah; eadhon rìgh Asiria.

Mo thruaighe! oir is mòr an là sin, agus chan eil a choimeas ann: agus is aimsir teanntachd i do Iàcob; ach tèarnar aisde e.

Eisdibh seo a‑nis, O shluagh amaideach agus mhì-chèillidh, aig a bheil sùilean, ach nach faic; aig a bheil cluasan, ach nach cluinn.

Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar.

Eisdibh-se facal an Tighearna, O chlann Israeil; oir tha còmhstri aig an Tighearna ri luchd-àiteachaidh na tìre; a chionn nach eil fìrinn, no tròcair, no eòlas Dhè anns an fhearann.

Cluinnibh-se seo, a shagartan; agus thugaibh-se aire, O thaigh Israeil; agus thugaibh-se fa‑near, O thaigh an rìgh; oir tha breitheanas dlùth dhuibh; a chionn gu robh sibh mar ribe air Mispah, agus mar lìon sgaoilte air Tabor.

Naomhaichibh-se trasgadh, gairmibh là toirmisg, cruinnichibh na seanairean, uile luchd-àiteachaidh na tìre, gu taigh an Tighearna ur Dia, agus glaodhaibh ris an Tighearna.

Là dorchadais agus oglaidheachd: là neul agus tiugh-dhorchadais; mar an doilleireachd air a sgaoileadh air na slèibhtean, thig sluagh lìonmhor agus làidir: an leithid cha robh ann o shean, agus cha bhi nas mò nan dèidh, eadhon gu bliadhnachan mòran ghinealach.

Cluinnibh am facal seo a labhair an Tighearna nur n‑aghaidh, O chlann Israeil, an aghaidh an uile theaghlaich a thug mi a‑nìos o thìr na h‑Eiphit, ag ràdh,

Cluinnibh-se am facal seo, O sprèidh Bhasain, a tha air sliabh Shamaria; a tha a’ sàrachadh nam bochd, a tha a’ bruthadh nam feumach; a tha ag ràdh rim maighistirean, Thugaibh dar n‑ionnsaigh agus òlamaid.

Eisdibh-se am facal seo a tha mise a’ cur an cèill nur n‑aghaidh, eadhon tuireadh, O thaigh Israeil.

Èisdibh, O shlòigh, an t‑iomlan dhibh: thoir fa‑near, O thalaimh, agus na h‑uile a tha ann; agus biodh an Tighearna Iehòbhah na fhianais nur n‑aghaidh, an Tighearna as a theampall naomh.

Agus thubhairt mi, Eisdibh, guidheam oirbh, O cheannardan Iàcoib, agus a phrionnsachan taigh Israeil; nach buin dhuibhse fios a bhith agaibh ciod a tha ceart?

Cluinnibh seo, guidheam oirbh, a cheannardan taigh Iàcoib, agus a luchd-stiùraidh taigh Israeil; sibhse aig a bheil fuath do bhreitheanas, agus a tha a’ fiaradh gach uile cheartais:

Ge bè neach aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.

Oir anns an àm sin bidh àmhghar mòr ann, amhail nach robh ann o thùs an domhain gus a‑nis, agus nach mò a bhios a‑chaoidh.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan