Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ioel 1:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Riutsa, O Thighearna, glaodhaidh mise; oir chaith an teine cluaintean an fhàsaich, agus loisg an lasair uile chraobhan na machrach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus gairm orm ann an là teanntachd; saoraidh mise thu, agus bheir thusa glòir dhòmhsa.

Gairmidh e orm, agus èisdidh mi ris; bidh mi maille ris ann an teinn; teasairgidh mi e, agus bheir mi urram dha.

A chionn gu bheil am fearann na smùr, oir cha robh uisge anns an tìr; ghabh na treabhaichean nàire, dh’fhalaich iad an cinn.

Agus thàrladh, le ro‑mheud a tograidh gu neòghlaine, gun do thruaill i am fearann, agus gun do rinn i adhaltranas le clachan agus le croinn.

Airson nan slèibhtean togaidh mi gul agus caoidh, agus airson ionadan còmhnaidh an fhàsaich, tuireadh, a chionn gu bheil iad air an losgadh suas, air chor is nach tèid aon neach tromhpa; agus cha chluinnear annta guth na sprèidhe: eunlaith an adhair agus an t‑ainmhidh maraon theich, shiubhail air falbh.

Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc? deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas?

Romhpa tha teine ri sgrios, agus nan dèidh tha lasair a’ losgadh: tha am fearann mar ghàrradh Edein romhpa, agus nan dèidh na fhàsach uaigneach; seadh, cha bhi dol as aig aon nì uapa.

Agus thubhairt e, Beucaidh Iehòbhah o Shion, agus o Ierusalem cuiridh e a‑mach a ghuth; agus nì ionadan-còmhnaidh nam buachaillean bròn, agus seargaidh mullach Charmeil.

Mar seo thaisbein an Tighearna Iehòbhah dhòmhsa; agus, feuch, ghairm an Tighearna Iehòbhah gu breitheanais le teine, agus loisg e an doimhne mhòr: agus shluig e suas earrann.

Ach seallaidh mise ris an Tighearna: bidh mo dhòchas ann an Dia mo shlàinte: èisdidh mo Dhia rium.

Agus labhair e cosamhlachd riu, a’ nochdadh gur còir ùrnaigh a dhèanamh a‑ghnàth, agus gun fhannachadh;

Agus nach dèan Dia dìoghaltas airson a dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a là agus a dh’oidhche, ged tha e fad-fhulangach mun timcheall?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan