Is esan a tha na shuidhe air cuairt na talmhainn, agus tha a luchd-àiteachaidh mar fhionnain-fheòir; a tha a’ sìneadh a‑mach nan nèamhan mar sgàil thana, agus gan sgaoileadh mar bhùth anns an gabhar còmhnaidh;
Mar seo deir an Tighearna Dia, esan a chruthaich na nèamhan, agus a shìn a‑mach iad; a sgaoil a‑mach an talamh agus na chinneas as; a tha a’ tabhairt anail don t‑sluagh a tha air, agus deò dhaibhsan a tha ag imeachd air:
Mar seo deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh, agus esan a dhealbh thu on bhroinn: Is mise an Tighearna, cruithear nan uile nithean; a tha a’ sìneadh nan nèamhan a‑mach am aonar; a tha a’ sgaoileadh na talmhainn leam fhèin;
Agus gun dìochuimhnicheadh tu an Tighearna do Chruithear a shìn a‑mach na nèamhan, agus a leag stèidh na talmhainn; agus gum biodh sìor-eagal ort gach là, airson corraich an fhir-shàrachaidh, mar gum biodh e ullamh gu sgrios? Agus càit a bheil corraich an fhir-shàrachaidh?
Fàistneachd facal an Tighearna. A‑thaobh Israeil, tha an Tighearna ag ràdh, a tha a’ sgaoileadh a‑mach nan nèamh, agus a’ suidheachadh stèidh na talmhainn, agus a’ cruthachadh spiorad duine an taobh a‑staigh dheth:
Uime sin nuair a rinn iad iomramh timcheall còig no deich-ar‑fhichead de stàidean, chunnaic iad Iosa ag imeachd air a’ mhuir, agus a’ druideadh ris an luing; agus ghabh iad eagal.