Agus thèid iad a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann an tuill na talmhainn, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach.
Gu dol a‑steach ann an còsan nan creag, agus ann am mullaichean nan sgeir, ro uamhas an Tighearna, agus o ghlòir a mhòrachd, nuair a dh’èireas e a chrathadh na talmhainn gu h‑uamhasach.
Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Fhathast aon uair, ann an ùine bhig, crathaidh mise na nèamhan, agus an talamh, agus an fhairge, agus am fearann tioram:
Neach aig an do chrath a ghuth an talamh an sin: ach a‑nis gheall e, ag ràdh, Aon uair eile fhathast crathaidh mi chan e an talamh a‑mhàin, ach nèamh mar an ceudna.
Agus chunnaic mi rìgh-chathair mhòr gheal, agus an Tì a shuidh oirre, neach aig an do theich nèamh agus talamh o a ghnùis; agus cha d’fhuaireadh àite dhaibh.
Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.