Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 9:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A dh’atharraicheas na beanntan, agus cha bhi fios aca air, a thilgeas bun-os‑cionn iad na fheirg:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Lomnochd tha ifrinn na làthair, agus chan eil còmhdachadh air lèirsgrios.

Air a’ charraig cuiridh e a‑mach a làmh: tilgidh e bun-os‑cionn na beanntan.

Uime sin is aithne dha an gnìomharan, agus tilgidh e bun-os‑cionn iad anns an oidhche, agus sgriosar iad.

Taom a‑mach fraoch d’fheirge, agus faic gach neach a tha uaibhreach, agus irioslaich e.

Cò a ghabh romham, agus gun dìolainn? Gach nì a tha fo na nèamhan uile is leamsa e.

A bheanntan, a thug oirbh leum mar reitheachan; a chnocan, mar uain?

Air an adhbhar sin cha bhi eagal oirnn, ged ghluaisear an talamh, agus ged atharraichear na beanntan gu meadhon na fairge.

Chriothnaich an talamh, shil mar an ceudna na nèamhan; leagh na beanntan o làthair Dhè, Sinài sin fhèin o làthair an Tighearna, Dia Israeil.

Cò a thomhais na h‑uisgeachan ann an glaic a làimhe; agus a shìn a‑mach na nèamhan le rèis; agus a chruinnich duslach na talmhainn ann an soitheach-tomhais; agus a chothromaich na slèibhtean ann an slighean, agus na cnuic ann am meidh-chothroim?

Criothnaichidh na slèibhtean roimhesan, agus leaghaidh na cnuic; agus tha an talamh air a losgadh suas na làthair; an saoghal, agus a uile luchd-àiteachaidh.

Cò as urrainn seasamh ro a fheirg-san? Agus cò a dh’fhaodas fuireach ann an dian-theas a chorraich? Tha a chorraich air a dòrtadh a‑mach mar theine, agus tha na creagan air an tilgeadh sìos leis.

Chunnaic na slèibhtean thu agus chriothnaich iad: ghabh tuil nan uisgeachan seachad: chuir an t‑aigeann a‑mach a ghuth, thog an doimhne suas a làmhan.

Sheas e, agus thomhais e an talamh: dh’amhairc e, agus sgap e na cinnich as a chèile; agus bha na slèibhtean sìorraidh air am briseadh; chrom na cnuic bhith-bhuan; tha a shlighe maireannach.

Cò thusa, O shlèibh mhòir? Ro Sherubabel fàsaidh tu ad chòmhnard; agus bheir e a‑mach a’ chlach-chinn le iolaich, a’ glaodhaich, Gràs, gràs gu robh dhi.

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ma bhios creideamh agaibh agus nach bi sibh fo amharas, chan e a‑mhàin gun dèan sibh an nì a rinneadh air a’ chrann-fìge, ach mar an ceudna ma their sibh ris a’ bheinn seo, Bi air do thogail, agus air do thilgeadh anns an fhairge, bidh e dèante:

Agus, feuch, reubadh brat-roinn an teampaill na dhà chuid o mhullach gu ìochdar; agus chriothnaich an talamh, agus sgoilteadh na creagan:

Agus bidh crithean-talmhainn mòra ann an iomadh àit, agus goirt, agus plàighean; agus nithean uamhasach, agus comharraidhean mòra o nèamh.

Agus ged robh agam fàidheadaireachd, agus ged thuiginn na h‑uile rùintean diamhair, agus gach uile eòlas; agus ged robh agam gach uile ghnè creidimh, ionnas gun atharraichinn slèibhtean, agus mi gun ghràdh agam, chan eil annam ach neoni.

Agus anns an uair sin fhèin bha crith-thalmhainn mhòr ann, agus thuit an deicheamh cuid den bhaile, agus mharbhadh seachd mìle pearsa anns a’ chrith-thalmhainn: agus ghabh a’ chuid eile eagal, agus thug iad glòir do Dhia nèimh.

Agus chaidh nèamh thairis mar ròla leabhair air fhilleadh air a chèile; agus dh’atharraicheadh gach beinn agus eilean as an ionadan fhèin:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan