Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 9:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

39 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, maille rinne tha Dia fhèin na cheannard oirnn, agus a shagartan le trompaidean fuaimneach a thoirt caismeachd nur n‑aghaidh-se. A chlann Israeil, na cogaibh-se an aghaidh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean; oir cha soirbhich leibh.

Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè ar n‑athraichean, nach tusa Dia anns na nèamhan? Agus nach eil thu a’ riaghladh os cionn uile rìoghachdan nan cinneach? Agus ann ad làimh-sa nach eil neart agus cumhachd, air chor is nach eil neach air bith comasach air seasamh ad aghaidh?

Agus nach nochdadh e dhut nithean diamhair a’ ghliocais, gu bheil iad dùbailte na tha ann! Biodh fhios agad uime sin gu bheil Dia gad agairt airson d’euceirt.

Maille ris-san tha gliocas agus neart; aigesan tha comhairle agus tuigse.

Gu bheil thu a’ tionndadh do spioraid an aghaidh Dhè, agus a’ leigeadh an leithidean sin de bhriathran a‑mach as do bheul?

Le a mhòr-chumhachd an tagradh e am aghaidh? Chan eadh; ach chuireadh e neart annam.

Agus tàirngidh e na daoine treuna le a neart: èiridh e suas, agus chan eil neach air bith cinnteach de a bheatha.

Tha tighearnas agus eagal maille ris-san: nì e sìth na ionadan àrda.

Tuigidh Dia a slighe, agus is aithne dha a h‑àite:

Feuch, tha Dia cumhachdach, agus cha dèan e tàir; cumhachdach ann an neart le gliocas.

An t‑Uile-chumhachdach, chan urrainn sinn fhaghail a‑mach: tha e òirdheirc ann an cumhachd, agus ann am breitheanas, agus ann an làn cheartas: cha sàraich e.

Cò a chuir gliocas anns an taobh a‑staigh? No cò a thug tuigse don chridhe?

Cò a dh’àireamhas na neòil an gliocas? No cò a chaisgeas searragan nan nèamh;

A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris-san?

An cuir thu cromag na shròin, agus le deilg an toll thu a ghial?

An sin bhiodh furtachd agam fhathast, ged bhithinn air mo chruadhachadh ann an do‑bhròn, agus nach caomhnadh e; oir cha do cheil mi briathran an Aoin naoimh.

Ma labhrar mu neart, feuch, tha e làidir; agus ma labhrar mu bhreitheanas, cò a shuidhicheas àm air mo shon?

Cia lìonmhor d’obraichean, a Thighearna! Ann an gliocas rinn thu iad gu lèir; tha an talamh làn led shaoibhreas.

Dhàsan a rinn na nèamhan le gliocas, oir gu bràth mairidh a thròcair;

Agus ann am meud d’òirdheirceis chlaoidh thu iadsan a dh’èirich suas ad aghaidh; chuir thu d’fhearg a‑mach, loisg i suas iad mar asbhuain.

Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus, feuch, cha robh eadhon a h‑aon de sprèidh nan Israeleach marbh. Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha do leig e an sluagh air falbh.

Is beannaichte an duine air am bi eagal a‑ghnàth; ach esan a chruadhaicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc.

Am fear a chronaichear gu minig, gidheadh a chruadhaicheas a mhuineal, sgriosar e gu h‑obann, agus sin gun leigheas.

Is an‑aoibhinn dhàsan a nì strì ris an fhear a rinn e; an t‑slige-chreadha ri fear-deilbh na creadha: an abair a’ chriadh ris-san a chumas i, Ciod a tha thu a’ dèanamh? No an abair an nì a rinn thu, Chan eil làmhan aigesan a rinn mi?

Leag mise ribe air do shon, agus bha thu fòs air do ghlacadh, O Bhàbilon, nuair nach do shaoil thu: fhuaireadh, agus fòs ghlacadh thu, a chionn gun do rinn thu strì an aghaidh an Tighearna.

Fhreagair Daniel, agus thubhairt e, Beannaichte gu robh ainm Dhè gu saoghal nan saoghal; oir is leis-san gliocas agus cumhachd.

Tha an Tighearna mall a‑chum feirge, agus mòr ann an cumhachd, agus cha saor an Tighearna air chor air bith an t‑aingidh. Anns a’ chuairt-ghaoith agus anns an doininn tha a shlighe, agus is iad na neòil luaithre a chas.

O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean!

Am brosnaich sinn an Tighearna gu eud? An treasa sinn na esan?

Agus ciod e ro‑mheud a chumhachd dar taobh-ne a tha a’ creidsinn, a rèir obrachadh a threun-neirt;

Anns an robh e ro‑phailt dhuinn anns an uile ghliocas, agus thuigse;

A‑chum gun dèante aithnichte a‑nis do na h‑uachdaranachdan, agus do na cumhachdan ann an ionadan nèamhaidh, leis an eaglais, gliocas eugsamhail Dhè.

A‑nis dhàsan don comas na h‑uile nithean a dhèanamh gu h‑anabarrach ro‑phailt, thar gach nì as urrainn sinne iarraidh no smaoineachadh, a rèir a’ chumhachd a tha ag obrachadh gu h‑èifeachdach annainn,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan