Thugadh e air falbh a shlat dhìom, agus na cuireadh eagal roimhe uamhas orm.
Nach cuir a òirdhearcas-san eagal oirbh? Agus nach tuit a uamhann-san oirbh?
Uime sin tha fiamh orm na fhianais; nuair a bheir mi fa‑near, tha eagal orm roimhe:
Oir bha sgrios o Dhia na uamhas dhòmhsa, agus a‑thaobh a àirde-san cha robh e an comas dhomh fulang.
Feuch, cha chuir m’uamhas-sa eagal ort, agus cha bhi mo làmh trom ort.
Mar an ceudna uime seo chriothnaich mo chridhe, agus charaicheadh as a àit e.
Tog dhìom do bhuille; le beum do làimhe chlaoidheadh mi.
Le achmhasain airson euceirt nuair a chronaicheas tu duine, bheir thu air a shnuadh caitheamh mar leòmann; gu deimhinn, is dìomhanas gach duine. Selah.
An sin fiosraichidh mi le slait an easaontas, agus le buillean an euceart.
Cò don aithne neart d’fheirge, agus, a rèir d’eagail, do chorraich?