Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 9:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mas àill leis a chùis a thagradh na làthair, cha fhreagair e e aon uair as a’ mhìle.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Their mi ri Dia, Na dìt mi; thoir fios dhomh carson a tha thu a’ cur am aghaidh.

Cò esan a thagras rium? Oir a‑nis, ma bhios mi am thosd, bheir mi suas an deò.

Carson a chuireas tu na aghaidh? Oir ann an aon air bith de a nithean cha toir e cunntas.

Oir cha leig e tuilleadh is a chòir air duine, a‑chum gun rachadh e ann am breitheanas ri Dia.

An teagaisg esan a nì strì ris an Uile-chumhachdach? Esan a thagras ri Dia, freagradh e air a shon.

Aon uair labhair mi, ach cha fhreagair mi; seadh, dà uair, ach chan abair mi tuilleadh.

Nach ro‑lugha na sin a fhreagras mise e, a thaghas mi mo bhriathran ris?

Ma dh’fhìreanaicheas mi mi fhèin, dìtidh mo bheul fhèin mi; agus foirfe ma nì mi mi fhèin, nochdaidh e fiar mi.

Cò a thuigeas a sheachrain? O lochdan diamhair glan thusa mi.

Oir dh’iadh uilc gun àireamh mun cuairt orm; ghlac m’euceartan mi, agus chan eil e an comas dhomh sealltainn suas; nas lìonmhoire tha iad na falt mo chinn, agus thrèig mo chridhe mi.

Chan eadh ach, O dhuine, cò thusa a tha a’ tagradh an aghaidh Dhè? An abair an nì a chumadh ris an tì a chùm e, Carson a rinn thu mi mar seo?

Ma their sinn nach eil peacadh againn, tha sinn gar mealladh fhèin, agus chan eil an fhìrinn annainn.

Oir ma dhìteas ar cridhe sinn, is mò Dia na ar cridhe, agus is aithne dha na h‑uile nithean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan