Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iob 9:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma mharbhas an t‑slat gu h‑obann, ri deuchainn nan neochiontach gàiridh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

An sin thuit Abrahàm air a aghaidh, agus rinn e gàire, agus thubhairt e na chridhe, Am beirear mac dhàsan a tha ceud bliadhna a dh’aois? Agus am beir Sàrah, a tha deich agus ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, mac?

Agus a‑nis gu bheil mi air teachd a labhairt rim thighearna an rìgh mun nì seo, is ann a chionn gun do chuir an sluagh eagal orm: agus thubhairt do bhanoglach, Labhraidh mi a‑nis ris an rìgh: theagamh gun dèan an rìgh iarrtas a bhanoglaich.

An sin thubhairt do bhanoglach, Bidh facal mo thighearna an rìgh a‑nis sòlasach: oir mar aingeal Dhè, mar sin tha mo thighearna an rìgh a thuigsinn maith agus uilc: agus bidh an Tighearna do Dhia maille riut.

Agus chaidh Sàtan a‑mach o làthair an Tighearna, agus bhuail e Iob le neasgaidean cràiteach, o bhonn a choise gu mullach a chinn.

As a’ bhaile tha daoine ag osnaich, agus èighidh anam nan daoine leònte; gidheadh cha chuir Dia amaideachd as an leth.

Cuimhnich, guidheam ort, cò e an neochiontach a sgriosadh? No càit an do ghearradh as na h‑ionracain?

Feuch, cha tilg Dia air falbh an duine foirfe, agus cha ghabh e greim de làimh nan daoine aingidh:

Ach air do shonsa mharbhadh sinn rè an là gu lèir; mheasadh sinn mar chaoraich a‑chum casgraidh.

Oir tha e dearbhte; agus an t‑slat rìoghail nuair nach coigil e i, cha bhi ann nas mò, deir an Tighearna Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan